José Eustasio Rivera

O Uicipeid
José Eustasio Rivera
functionary (en) Translate

1922 -
Beatha
Breith Rivera, 19 dhen Ghearran 1888
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Eabhraig Nuadh agus Stuyvesant Polyclinic Hospital (en) Translate, 1 dhen Dùbhlachd 1928
Àite-adhlacaidh Central Cemetery of Bogotá (en) Translate
Foghlam
Foghlam Oilthigh Nàiseanta Colombia
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair, dioplomat agus neach-lagha
Àitichean-obrach Región Orinoquia (en) Translate agus Coloimbia
Fastaichean Ministry of Foreign Affairs of the Republic of Colombia (en) Translate
Obraichean comharraichte La vorágine

B’ e bàrd, sgrìobhadair agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia a bh’ ann an José Eustasio Rivera Salas (San Mateo-Rivera, 19 an Gearran 1888Eabhraig Nuadh, 1 an Dùbhlachd 1928). Tha e cliùiteach air sàilleabh gun do sgrìobh e an sàr nobhail La vorágine, a bharrachd air a chuid bhàrdachd.

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh Rivera ann an teaghlach macanta bochd, do dh’ Eustasio Rivera agus Catalina Salas.[1] Bha 11 duine-cloinne aca uile gu lèir. Fhuair e foghlam anns na sgoiltean Santa Librada (Neiva) agus San Luis Gonzaga (Elías), agus an uair sin fhuair e taic airgid a dhol dhan àrd-sgoil Escuela Normal Central (Bogotá). Ann an 1909 ghluais e gu Ibagué far an robh e na neach-sgrùdaidh sgoile. Ann an 1912 chaidh Rivera gu Dàmh an Lagha aig Oilthigh Nàiseanta Colombia, agus an ceann còig bliadhna thug e ceum le dotaireachd ann an Lagh agus  Saidheans a’ Phoileataigs air an 3 am Màrt 1917. Bha e ag obair às leth Mhinistrealachd fad an t-siubhail cuideachd, leis cho gann ‘s a bha airgead dha.

 An dèidh bàs athar chaidh Rivera ainmeachadh fear-lagha rùnaire gu Coimisean nan Crìochan eadar Coloimbia agus A' Bheiniseala agus air 19 an t-Sultain 1922 chaidh e dha na choilltean-uisge air na crìochan faisg air a bhaile aige fhèin far a fhuair e a-mach mu dhroch shuidheachadh nan daoine san àite thall siud, air an dìobradh leis an Riaghaltas. Ann am Manaos air 18 an t-Iuchar 1923, chuir Rivera iomradh gu Ministreachd nan Dùthchannan Cèin, a’ càineadh gu robh daoine à Coloimbia a’ faighinn fìor dhoch làimhseachadh air na crìochan. Thill e gu Bogotá air 12  an Dàmhair. Bha esan an lùib Comataidh Nàiseanta Dììona ann an Neiva, air sàilleabh gu robh comhstrì ann le Pearu. An uair sin, sgrìobh e sreath dhe artaigilean anns na pàipearan-naidheachd eadar An Giblean agus An Cèitean 1924 mun chùis, ach do thachair càil.

Chaidh Rivera a thaghadh gu Coimisean Sgrùdaidh nan Dùthchannan Cèin agus nan Colonaidhean ann an 1935 agus dh’fhoillsich e sreath dhe artaigilean ann an Nuevo Tiempo de Bogotá, air an robh Falsos postulados nacionales (Gàidhlig: Beachd-bharailean-brèige Nàiseanta), anns an do dh’ fhàg e air iomadh daoine, an ceann-suidhe Pedro Nel Ospina Vásquez agus an t-seann mhinistear Esteban Jaramillo, nam measg, gu robh iad ri foill agus coirbeachd, gu h-àraidh a thaobh cùmhnantan na pìoba a bheireadh ola eadar Cartagena de Indias agus Barrancabermeja.[2] ‘S e sgannal mòr a bh’ ann.

Aig deireadh a’ Ghiblean 1928 an dèidh Choloimbia a riochdachadh aig Co-labhairt Eadar-nàiseanta imrich agus às-imrich ann an Havana, ràinig Rivera Eabhraig Nuadh is e a-nis na shàr bhàrd, sgrìobhadair neach-poileataigs agus riochdaire-dioplòmasach cliùiteach. Bha esan an dùil gum foillseachadh e deach ùr La Vorágine agus gun eadar-theangachadh an leabhar gu Beurla, a bharrachd air còirichean film a rèiteachadh, ach cha do ghabh sin a dhèanamh air sàilleabh nan iarrtasan nàiseantach a thog e fhèin.[3]

Dh’fhàs e gu math bochd air 23 an t-Samhain 1928, dìreach an dèidh soraidh fhàgail air a’ phaidhleat Méndez Rey, a bha an impis tilleadh a Choloimbia agus, leis cho ìosal ‘s a bha e, chaidh a thoirt dhan Ospadal New York Policlinic Hospital. Cha mhòr gu robh e ann an còma agus ag iomsniomh. A thuilleadh air sin, bha hemiparesis aige. Chaochail e air 1 an Dùbhlachd aig 12:50. Cha do dhearbhaich idir na mharbh e, ach tha a h-uile coltas ann gur e mailèiria sa cheann, a rèir na comharrana bha aige agus air sàilleabh s’ gun do chuir e seachad ùine mhòr sa choilltean-uisge. Bha e air mailèiria fhulang iomadh turas on a dh’fhàg e na coilltean.[4]

Chaidh a chorp air a bhalmachadh agus a thoirt air ais à Eabhraig Nuadh gu Coloimbia agus chaidh a thìodhlachadh anns a’ Ghàrradh-cladha Central de Bogotá  air 9 am Faoilleach 1929, an dèidh 39 latha air astair, air a h-uile dòigh shiubhail agus fhuair e anns gach port is gach baile na molaidhean nach d’ fhuair nuair a bha e beò.

Mar sgrìobhadair[deasaich | deasaich an tùs]

On a bha Rivera fhathast san sgoil, bha e uabhasach follaiseach gu robh tàlant fa leth aige a thaobh sgrìobhaidh, gu seachd àraidh airson Bàrdachd. Chruthaich e còrr is 168 dàn agus sonaid ann an stoidhle parnasiano, anns an do sheall e cho dèidheil gradhail ’s a bha e air nàdar, agus nochd a’ mhòrchuid dhiubh ann an Oda a España (Dàn dhan Spàinn). Bhuainnich an leabhar seo an dàrna àite ann an Geamaichean nam Flùraichean ann an Tunja ann an  1910 agus chaidh fhoillseachadh anns a’ phàipear-naidheachd El Tropical de Ibagué san t-Sultain sa bhliadhna sin. A bharrachd air sin, fhuair e molaidhean airson Oda a san Mateo (Dàn dhan Naomh Mata), a sgrìobh e mar chuimhneachan air Antonio Ricaurte, gaisgeach na neo-eisimeileachd.

 Nuair a bha fhathast san oilthigh dh’ fheuch e ri rud beag dràma a sgrìobhadh mar Juan Gilagus pìosan eile nach do chrìochnaich e neo a tha ir an call a-nis. Ann an 1921 dh’fhoillsich e leabhar bhàrdachd air an robh  Tierra de promisión (Tìr a’ Gheallaidh ) a bha gu math soirbheachail aig an àm.

 Ann an 1922, nuair a bha e ' fuireach ann an Sogamoso (eadar Bucaramanga agus Bogotá), thoisich e an sàr nobhail La vorágine (An Slugan) a sgrìobhadh agus lean e air ga sgrìobhadh fhad ‘s a bha e an lùib Coimisean nan Crìochan. Dh’fhoillseachadh an nobhail ann an 1924, ann am Bogotá, an dèidh dà bhliadhna ga sgrìobhadh agus sia mìosan ga cheartachadh.[5] Ann an 1926 nochd an dàrna dreach an nobhail, air a cheartachadh a-rithist agus thoisich Rivera nobhail eile a sgrìobhadh, air an robh La mancha negra (An Sgal Dubh) a chaidh a chall ann an Eabhraig Nuadh.[6]

Cuimhneachadh[deasaich | deasaich an tùs]

Ann an 1943, chaidh am baile far an do rugadh e, a bha na chlachan a bhuineadh do Neiva roimhe, ainmeachadh na bhaile fhèin (Spàinntis: municipio) agus chaidh ainm atharrachadh gu Rivera mar chuimhneachadh air an ùghdar, tro òrdugh na Comhairle Huila air 15 an Cèitean 1943. 'S e an t-ainm a th' air fhathast.[7]

Chuireadh Duais air dòigh ann an 1988 le Fundación para la Enseñanza y Promoción de los Oficios y las Artes, Tierra de Promisión (Stòras Tìr a’ Gheallaidh airson Ionnsachadh agus brosnachadh nan Ealain) le taic bho Chomhairle Neiva gus a chuimhneachadh agus airson sgrìobhadairean a sgrìobhas ann an Spàinntis a bhrosnachadh, rud air a bheil Bienal Nacional de Novela José Eustasio Rivera (Dà-bhliadhnail Nàiseanta an Nobhail José Eustasio Rivera).[8]

Ann an 2012 chaidh Rivera a thaghadh tro bhòtadh nan daoine mar an neach a nochdadh air bonn uamh-sinc-òr a chuthachadh airson 400 bliadhna on a stèidheachadh Neiva: bheireadh am bonn gu daoine neo buidhnean am biodh air mòran a dhèanamh airson a’ bhaile.[9]

Obair[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. José Eustasio Rivera - Enciclopedia”. Red Cultural del Banco de la República en Colombia. Air a thogail 23mh dhen Dùbhlachd 2018.
  2. *Beale-Silva, Eduardo. Horizonte humano: vida de José Eustasio Rivera. Colección Tierra firme. Edición 2. Editorial Fondo de Cultura Económica, 1986. ISBN 968162095X, 9789681620950
  3. Peña Gutiérrez, Isaías. José Eustasio Rivera. Volumen 2 de Clásicos Colombianos. Editorial Procultura, 1989. ISBN 9589043615, 9789589043615
  4. En Colombia
  5. Biblioteca Nacional
  6. Herrera, Luis Carlos.  Edición crítica de Tierra de promisión y otros poemas de José Eustasio Rivera. Editor Pontificia Universidad Javeriana, Bogotá,  2007. ISBN 9586839583, 9789586839587
  7. Camacho, Ramón I. Geografía del Departamento del Huila. Editorial "Prensa Católica", 1955
  8. Ministerio de Educación de Colombia
  9. Diario del Huila

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]