Rivera (Huila)
Dùthaich | Coloimbia |
---|---|
Sgìre riaghaltais ionadail | Huila |
Domhan-leud is -fhad | 2°46′38″N 75°15′19″W |
Làrach-lìn | http://www.rivera-huila.gov.co/ |
'S e baile beag faisg air Elías ann an Huila,[1] Coloimbia,[2] a th' ann an Rivera (Seann ainm: San Mateo). Tha e suidhichte 20km air falbh bho Neiva, prìomh-bhaile na roinne, anns na na h-Andes. Tha àirde meadhanach dhe 705m os cionn ìre na mara. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th' ann le teodhachd mu 27˚ thar cheann, fad na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1888.
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]'S e ainm fa leth Spàinntis a th'ann Rivera. B’ e San Mateo a’ chiad ainm a chuireadh air chaidh atharrachadh gu Rivera ann an 1943 nuair a dh’fhàs am baile na bu mhotha agus chaidh a sgaradh bho Neiva fhèin. Chuireadh sloinneadh an sgrìobhadair José Eustasio Rivera air.
Sluagh a' bhaile
[deasaich | deasaich an tùs]Ged a tha 16,684 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 8,967 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Rivera (is mòran dhuibh mestizos). ‘S e Tùsanaich a th’ann an 0.2% agus tha 0.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 87.1% dhe na daoine ann an Rivera leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 32.3% dhe na dachannan.[5]
Fèisean
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Rivera. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]José Eustasio Rivera (1889–1928): Sàr bhàrd agus sgrìobhadair.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Riaghaltas na Roinne: Bailtean
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Cololmbia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia
Ceanglaichean A-mach
[deasaich | deasaich an tùs]