Elías (Huila)

O Uicipeid
Elías
Flag of Elías (Huila).svg [[Faidhle:|60px]]
Bratach a' bhaile gun lùireach
Mapa a' bhaile
Colombia - Huila - Elías.svg
Sealladh air a' bhaile
[[Faidhle: |300px]]
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Colombia.svg Coloimbia
Roinn Flag of Huila.svg Huila
Àirde 1425m
Co-chomharran 02º 00' 49' Tuath
75º 56' 23' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 72 km²
Àireamh-shluaigh 4,490 (2005)
Dlùths 62.36/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

'S e baile meadhanach faisg air Rivera ann an Huila,[1] Coloimbia,[2]   a th' ann an Elías neo La Mesa de Elías.  Tha e suidhichte 163km air falbh bho Neiva, prìomh-bhaile na roinne, anns na na h-Andes. Tha àirde meadhanach dhe 1,425m os cionn ìre na mara. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th' ann le teodhachd mu 27˚ thar cheann, fad na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1830.

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

'S e ainm fa leth Spàinntis a th'ann Elías à ainm.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh an sgrìobhadair José Eustasio Rivera dhan sgoil San Luis Gonzaga ann an Elías.

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a tha  1,103 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, tha 3,387 a' fuireach ann air fad, a’ gabhail a-steach nan sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Elías (is mòran dhuibh mestizos). ‘S e Tùsanaich a th’ann an 0.1% agus tha 0.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga.  ' S urrainn dhan 84.4% dhe na daoine ann an Elías leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 16.5% dhe na dachannan.[5]

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Elías. Chithear fèilltean  caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[6]  fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Riaghaltas na Roinne: Bailtean
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  4. Cololmbia Virtual
  5. Bileag fhiosrachaidh DANE
  6. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Elías (Neiva)

 

Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: