Baile MhicIllFhaolain
Baile MhicIllFhaolain | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Chille Chùithbeirt |
Parraist | Baile MhicIllFhaolain |
Co-chomharran | 55° 05′ 16" Tuath 04° 06′ 46" Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 140 (2011) |
Àireamh fòn | 01644 |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Baile Ùr nan Stiùbhartach air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann am Baile MhicIllFhaolain[1] (Beurla: Balmaclellan). Tha e suidhichte aig 85m os cionn ìre na mara,[2] ann an cridhe na roinne Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh (Siorrachd Chille Chùithbeirt ro 1975), eadar Gall-Ghàidhealaibh Nuadh agus Clachan Eòin, ri taobh an Uillt Aquavitae.[3] Tha e 33km air falbh bho Dhùn Phrìs, 85km bho Glaschu, 62km bhon An t-Sròn Reamhar agus 111km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] Tha dìreach 140 duine a' fuireach anns a' bhaile[5] agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Baile MhicIllFhaolain. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e cinnteach gur ann à baile, mac, gille agus faolan anns a' Ghàidhlig fhèin a tha an t-ainm. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Chille Chùithbeirt fhèin anns an 17mh Linn.[6] Tha cuid dhen bheachd gu robh an cànan fhathast beò ro 1700.[7]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e comasach gun robh an ainm Cuimris Treuercarcou air Baile MhicIllFhaolain san 13mh linn.[8] Thathar air ball-ceàirde Ceilteach neo dhà a lorg san sgìre agus chleachdadh an t-seann ainm aig ìre oifigeil gu ruige an 13mh Linne agus thogadh daingneach Ghàidhealach san 12mh Linn a thug ainm dhan bhaile. Chruthaich Uilleam MacIllFhaolain Caisteal Barscobe an seo ann an 1648,[9] fear dhe na taigh-tùir mu dheireadh a chuireadh air dòigh ann an Alba. Ri linn an Ath-Leasachaidh bha an t-suidheachadh gu math connspaideach agus bha mòr-chuid Pròstanach sa bhaile, a dh'aindeoin na dhèanadh an riaghaltas nan aghaidh. Tha beul-aithris a' cumail a' dol gun do rugadh bana-bhuidseach an seo, tè air an robh Eilispidh NicEòghain, a chuireadh gu bàs ann an Cille Chùithbeirt ann an 1698[10] agus gun do thìodhlacadh i taobh a-muigh na cille an seo.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Discover Scotland: Balmaclellan (Beurla)
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Stòr-Dàta Briathrachais Gàidhlig”. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 14mh dhen Chèitean 2017.
- ↑ Meteo Consult
- ↑ Kirkcudbright
- ↑ Google Earth
- ↑ The Glenkens
- ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
- ↑ Lorimer, W. L., "The Persistence of Gaelic in Galloway and Carrick", ann an Scottish Gaelic Studies, VI.2 (1949), duilleag 117
- ↑ “Balmaclellan, Parish”. Saints in Scottish Place-Names, Oilthigh Ghlaschu. Air a thogail 14mh dhen Chèitean 2017.
- ↑ Barscobe Castle
- ↑ A' Chomhairle
An Abaid Ùr • Achadh nan Càrn • Àrd an Grèidh • Àrd na Coille • Ath Crogaid • Baile Ghill-Iosa • Baile Labhrainn • Baile Mhic Aoidh • Baile MhicIllFhaolain • Bàrr a' Ghrianain • Beeswing • Borgh • Caisteal Dhùghlais • Càrn an Uaimh • An Ceap • Cille Bheathain • Cille Chùithbeirt • Cill Fhinnein • Cille Phàdraig Durham • Clachan Eòin • An Còrsa Feàrna • Corsaig • Crois Mhìcheil • Cùl a' Bheinn • Dail Beithich • Dùn Droighnein • Gall-Ghàidhealaibh Nuadh • Garradh na h-Aibhne • Gleann Lochair • Gleann an t-Sruthail • Haugh of Urr • Lochfoot • Am Mòine Naomh • Muine Gobha • Parton • Palnackie • Port Aiseig a' Chrìch • Ringford • Rhonehouse • Springholm • Taigh an Rathaid • Tìr na h-Eaglaise • Tongland • Twynholm