Ath Crogaid
Ath Crogaid | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 01′ 60″ Tuath 03° 49′ 60″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01556 |
Duilleag oifigeil | Duilleag na Coimhearsnachd |
‘S e baile beag dùthchasail ann an cridhe na Stiùbhartachd, air an àirde an iar-dheas na h-Alba air iomall Dhùn Phris a th' ann an Ath Crogaid (Beurla/Beurla Ghallda: Crocketford).[1] Tha e suidhichte aig 143m os cionn ìre na mara,[2] ann an Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), air an A75 eadar Lochfoot agus Springholm, ri taobh Loch Baile a' Mhuilinn agus Loch Auchenreoch.[3] Tha e 258km air falbh bho Obar Dheathain, 96km bho Ghlaschu, 26km bho Chille Chuithbeirt agus 109km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Ath Crogaid. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile agus oifis a' phuist anns a’ bhaile.[4] Taobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean ann is le sin feumar a dhol dhan bhun-sgoil ann an Springholm[5] agus dhan àrd-sgoil ann an Caisteal Dhùghlais.
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à crochadh anns a' Ghàidhlig tha an t-ainm.[6] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Chille Chuithbeirt fhèin anns an 17mh Linn.[7]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh Ath Crogaid a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1452. Cha b' ann ach àite air rathad nan dròbhair gus an do ràinig na Bùchanaich ann an 1787, nuair a thoisich am baile a' fàs.[8] B' e dream radaigeach Pròstastanach a bh' annta, a bha air am fuadachadh bho Irbhinn, o chionn 's gu robh iad a' dol an aghaidh creideamhan oifigeil na dùthcha.[9]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Ath Crogaid”. Stòr-dàta Briathrachais Gàidhlig. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 23mh dhen Ghearran 2019.
- ↑ Falling Rain
- ↑ Canmore
- ↑ Opening Times
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ The New Statistical Account of Scotland, Volume 2, William Blackwood, Dùn Èideann 1834
- ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
- ↑ About Britain
- ↑ J. F. C. Harrison, The Second Coming: Popular Millenarianism 1780-1850 (Lunnainn: Taylor & Francis, 1979), ISBN 0710001916, duilleag 33.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]An Abaid Ùr • Achadh nan Càrn • Àrd an Grèidh • Àrd na Coille • Ath Crogaid • Baile Ghill-Iosa • Baile Labhrainn • Baile Mhic Aoidh • Baile MhicIllFhaolain • Bàrr a' Ghrianain • Beeswing • Borgh • Caisteal Dhùghlais • Càrn an Uaimh • An Ceap • Cille Bheathain • Cille Chùithbeirt • Cill Fhinnein • Cille Phàdraig Durham • Clachan Eòin • An Còrsa Feàrna • Corsaig • Crois Mhìcheil • Cùl a' Bheinn • Dail Beithich • Dùn Droighnein • Gall-Ghàidhealaibh Nuadh • Garradh na h-Aibhne • Gleann Lochair • Gleann an t-Sruthail • Haugh of Urr • Lochfoot • Am Mòine Naomh • Muine Gobha • Parton • Palnackie • Port Aiseig a' Chrìch • Ringford • Rhonehouse • Springholm • Taigh an Rathaid • Tìr na h-Eaglaise • Tongland • Twynholm