Jump to content

Asaint

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Assynt)
Asaint

Caisteal Ardvreck; fodha, Cataibh, tha Asaint san iar
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Sgìre Cataibh
Baile as motha Loch an Inbhir
Co-chomharran 58° 46′ 57.28″ T
5° 6′ 25.62″ I
Comharradh-clèithe NC2092
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 1,011 (2011[1])
Fios Eile
Cànan Beurla, Gàidhlig, Beurla Gallda
Àireamh fòn 01571

'S e sgìre ann an ceann an iar-thuath na h-Alba a tha ann an Asaint no Asainn. Tha i na pàirt den t-siorrachd tradaiseanta Cataibh. Tha Asaint suidhichte tuath air Ulapul. Thàinig an t-ainm bhon t-seann Lochlannais agus tha e a' ciallachadh 'deireadh na droma'.[2] 'S e Loch an Inbhir am baile as motha ann an Asaint.

Cruth na tìre

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Asaint ainmeil airson na feartan-tìre aige. Tha Uamh An Claonaite, an uamh as fhaide ann an Alba mu chòig mìltean deas air Innis nan Damh.[3] Tha tèarmannan-nàdair ann mar an Inverpolly Nature Reserve agus Creag a' Chnocain le ionad-fiosrachaidh mu eòlas-talmhainn den Moine Thrust. Tha na beanntan ann an Asaint, m.e. a' Chuineag, Canisp, Suilven, Cùl Mòr, Stac Pollaidh is Ben More Assynt a' tarraing mòran luchd-turais.

Oighreachd Asaint a Tuath

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha a' chuid as motha de dh'Asaint aig Oighreachd Asaint a Tuath. Cheannaich iad am fearann ann an 1992 an dèidh strì fada leis an Scandinavian Property Services Limited a bha airson an oighreachd a bhriseadh sìos ann am pìosan beaga.

Gu ìre mhòr tha bailtean croitearachd ann an Asaint: Torbreck, Achadh Mhealbhaich, Clach Toll, an Clais Mòr, Baile a' Chladaich, Ardnacarin, an Cùl-cinn, Raffin, an Stòr, Clais an Easaidh, Cùl-Cinn an Droma Bhig, an Druim Beag agus an Nead. Chaidh iad uile a stèidheachadh aig Àm nam Fuadaichean. Tha timcheall air 1000 duine a' fuireach an seo, le dìreach ¼ dhiubh nach robh a' dèanamh a' bheòshlainte à croitearachd.

Leabhraichean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • MacAskill, John (1999) We have won the land: the story of the purchase by the Assynt Crofters' Trust of the North Lochinver Estate. Stornoway:Acair. ISBN 0861522214

Faic cuideachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Cunntas-sluaigh 2011
  2. Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-àite", duilleag 9, Pàrlamaid na h-Alba
  3. "Peter Glanvill Photography: Claonaite" darkanddeep.co.uk. a' tarraing 31mh dhen Iuchar 2011 .

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: