Jump to content

Creag a' Chnocain

O Uicipeid
Creag a' Chnocain le ionad luchd-tadhail

'S e sreath de chreagan ann an Asaint a tha ann an Creag a' Chnocain (Beurla: Knockan Crag). Tha iad suidhichte air an A835 mu 21 cilemeatair mu thuath air Ulapul.

Tha am Moine Thrust a' ruith tro na creagan seo. Tha ionad luchd-tadhail beag ann far am faighear cùl-eòlas a thaobh cruinn-eòlas àite agus mìneachadh mun "Highlands Controversy". Tha obraichean-ealain ceangailte ris na cuspairean seo rim faicinn cuideachd.

Brìth geòlasach

[deasaich | deasaich an tùs]
Loidhne-sgàinidh aig Creag a' Chnocain

'S e cùis chonnspaideach a bha ann an òrdugh cruthan nan creagan a tha ris an uachdar an seo. Bha e coltach gun robh Schistean na Mòine air mullach na creige na bu sine na a bha na creagan ìosail bho àm Cambrianach is Ordovician, an leithid mar aol-chlach Dhiùirniseach no creagan grùide.

Anns an 19mh linn bha deasbad mòr ann, gu h-àraidh eadar Roderick Murchison agus Archibald Geikie air aon taobh agus James Nicol agus Charles Lapworth air an taobh eile. Bha Murchison agus Geikie a' creidsinn gun robh an sreath-leanmhainn ceàrr agus gum b' fheudar Schistean na Mòine a bhith na b' òige. Mu dheireadh thall chaidh an tòimhseachan a mhìneachadh anns an obair aig Ben Peach agus John Horne ann an 1907 le gnìomh den "thrust fault"[1]. 'S e "tectonic action" a th' ann far an deach na seann chreagan a phutadh thairis air uachdar nan creagan na b' òige air sgàth bruthadh. B' e gluasad de dhà mòr-roinn a bu choireach a bhuail ri chèile le cumhachd làidir mu 400 millean bliadhna air ais. 'S e sin as adhbhar gun do gluais schistean na mòine bhon àite far an deach an cruthachadh mu 70 cilemeatair chun an iar os cion nan creagan na b' òige.

'S e Creag a' Chnocain a’ chiad thrust fault a chaidh a lorg air feadh an t-saoghail.

Chaidh clach-chuimhneachain a thogail ann an Innis nan Damh airson urram a thoirt don obair a rinn Peach agus Horne.

Ionad luchd-tadhail

[deasaich | deasaich an tùs]
"The Globe" le John Smith

'S e Tèarmann Nàdair Nàiseanta a th' ann an Creag a' Chnocain. Tha e na phàirt den Phàirc-gheòlais iar-thuath na Gàidhealtachd agus tha e fo chùram NàdarAlba.

Tha ionad luchd-tadhail ann ris an canar Rùm nan Creagan. Gheibhear fiosrachadh an seo mar a tha Creag a' Chnocain cuideachail do na geòlaichean airson barrachd fhaighinn a-mach mu na prìomh rudan a thachair gus rùsg na Talmhainn a chruthachadh. Tha taisbeanaidhean eile a' mìneachadh nam feartan-tìre iongantach a chithear anns an iar.

Tha slighe ghoirid eadar pàirc nan càraichean agus Rùm nan Creagan a tha freagarrach airson cathair-cuibhle. Tha roghainn de chuairtean eile ann le mìneachaidhean mu chumadh nan creagan. Tha obraichean-ealain suidhichte faisg air na slighean seo.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Peach, B.N., Horne, J., Gunn, W., Clough, C.T., and Hinxman, L.W., (1907) The Geological Structure of the Northwest Highlands of Scotland. Memoirs of the Geological Survey of Great Britain.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: