Charles Lapworth

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Charles Lapworth
Charles Lapworth.jpg
Ceann-suidhe Comann Geòlas Lunnainn

Beatha
Breith Faringdon, 20 dhen t-Sultain 1842
Dùthaich  An Rìoghachd Aonaichte
Bàs Birmingham, 13 dhen Mhàrt 1920
Teaghlach
Clann
Dreuchd
Dreuchd geòlaiche
Duaisean a fhuaras
Ballrachd An Comann Rìoghail

'S e clach-eòlaiche Sasannach a bha ann an Charles Lapworth.

A Bheatha[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh e san 2mh den t-Sultain 1842 ann am Faringdon ann am Berkshire (an-diugh Oxfordshire). Fhuair Lapworth foghlam ann an Culham Diocesan Training College faisg air Abingdon airson a bhith na neach-teagaisg. An uair sin ghluais e do na Crìochan far an do rinn e rannsachadh air fosailean nam beathaichean. Le mapadh mionaideach agus le modh-gabhail ùr-ghnàthach de sgrùdadh air fosailean sònraichte bha Lapworth a' sealltainn nach b' e dìreach aon sreath-leanmhainn tiugh de chreag Siluriananch ann ach gun deach sin a chruthachadh le mòran fhillidhean tana a bha air am pasgadh a-rithist is a-rithist. Tha e ainmeil air sgàth na h-obrach le fosailean gu h-àraidh le graptolites, a bha beò aig amannan sònraichte. Le sin bha e a' moladh gu bheil na creagan eadar na creagan Cambrach ann an ceann a tuath na Cuimrigh agus an fheadhainn Silurianach ann an ceann a deas na Cuimrigh a buntainn do dh'ùine gheòlasach ùr: an t-àm Òrdobhaiseach.

Fosailean sònraichte a bha beò aig amannan sònraichte a-mhàin

Ann an 1869 phòs e Janet Sanderson, nighean a' mhaighstir-sgoile anns a' Gheal Àth agus bhon uair sin bha e airson fuireach anns an sgìre seo. Bha e fhèin na mhaighstir-sgoile fad 11 bhliadhna ann an sgoil na h-Eaglais Easbaigich anns a' Gheal Àth. An uair sin chaidh e air ais don oilthigh gus clach-eòlas ionnsachadh agus thòisich e ag obair mar neach-cuideachaidh ann am Madras College ann an Cill Rìmhinn, Fìobha. Ann an 1881 b' e esan a’ chiad ollamh airson clach-eòlas ann am Mason's College, (an-diugh Oilthigh Bhirmingham) far an robh e a' teagasg gus an do leig e a dhreuchd dheth.

Chuir e seachad ùine faisg air Diùranais le mapadh na Gàidhealtachd [1]. B' e esan a' chiad fear a chruthaich an teòiridh chonnspaideach gun robh na creagan na bu sine nan laige air mullach nan creagan na b' òige. Bha e a' beachdachadh gum b' e pasgadh iom-fhillte a b' adhbhar. Chaidh an teòiridh a dhearbhadh le Ben Peach agus John Horne leis an obair a rinn iad air iar-thuath na Gàidhealtachd.

Chaidh a thaghadh mar bhall den Chomann Rìoghail ann an 1888 agus fhuair e Royal Medal ann an 1891[2]. Ann an 1899 fhuair e an Wollaston Medal, an duais a b' àirde den Geological Society of London air sgàth na h-obrach aige air a' Ghàidhealtachd agus ann am Monadh a Deas. 'S ann air Lapworth a tha an loch eigheadail "Lake Lapworth" air ainmeachadh.

Chaochail e san 13mh dhen Mhàrt 1920 ann am Birmingham. Tha taigh-tasgaidh Lapworth ann am Oilthigh Bhirmingham le tasglann de na rannsachaidhean a rinn e[3].

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dealbh de mhapa Lapworth ann an Diùranais Oilthigh Bhirmingham
  2. Comann Rìoghail
  3. Taigh-tasgaidh Lapworth

Tùsan[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]