An Druim Beag
Tha An Druim Beag (Beurla: Drumbeg)[1] na bhaile croitearachd ann an Asaint, Cataibh. Tha e suidhichte air an rathad B869 eadar an Nead (san ear) agus Cùl-Cinn an Droma Bhig (san iar). 'S e seo na co-chomharran aige: 58° 14′ 31.2″ Tuath agus 5° 11′ 56.4″ Iar. Tha Loch an Droma Bhig san iar den bhaile agus tha seallaidhean brèagha aige. Air làithean soilleir chithear Cughann Eadar Dhà Chaolas agus Loch an Droma Bhig.
Chaidh an Druim Beag a stèidheachadh aig Àm nam Fuadaichean. [2] Thogadh a' chiad rathad don bhaile aig deireadh na 1800an a bha ga cheangal le Loch an Inbhir. Chan eil port-mara aig an Druim Bheag fhèin, ach tha fear ann mu leth-mhìle air falbh ann an Cùl-Cinn an Droma Bhig. 'S e aon de na bailtean dhen Oighreachd Asaint a Tuath a th' anns an Druim Beag.
An-diugh tha timcheall air 100 duine a' fuireach an seo. [3] Tha taigh-òsta agus bùth-chiùird ann far am faighear ealanan is ceàrdan às an àite fhèin.
Bha pàirt den fhilm ghoirid Zip 'n Zoo air a thogail anns an Druim Bheag. Chaidh am film a stiùireadh le Bruce Robertson ann an 2008 agus bha cuid de mhuinntir an àite a’ cluich ann.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-àite", duilleag 40, Pàrlamaid na h-Alba (a' tarraing air 3mh an Lùnasdal 2011)
- ↑ MacAskill, John (1999) We have won the land: the story of the purchase by the Assynt Crofters' Trust of the North Lochinver Estate, td 35 Stornoway:Acair. ISBN 0861522214
- ↑ undiscoveredscotland (a' tarraing air 3mh an Lùnasdal 2011)
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NC 122 326
- Lochinver Scotland (Beurla)
- Undiscoveredscotland (Beurla)