Cur Cùlaibh ri Asainte
’S e òran a tha ann an “Cur Cùlaibh ri Asainte” a chaidh a sgrìobhadh ann an 1912 le Alasdair MacLeòid, ’s e ag innse mu bhith a’ fàgail a dhachaigh ann an Asainte agus a’ dul a-null a Chanada.
Bho na clàraidhean seòlaidh aig Ancestry.com, chithear gun do sheòl Alasdair òg, 19 bliadhna a dh’aois, bho Ghlaschu air an SS Southwark, air 28 an Céitean 1910 (DiSathairne, dìreach mar a tha an t-òran ag ràdh), ’s e a’ dèanamh air Vancouver ann am British Columbia. ’S e bàta-smuid 8607 tunna a bh’innte, agus bha i a’ seòladh gu Quebec agus Montreal. B’ ann leis an American Line a bha i, ach bha i air màl airson dìreach dà sheòladh ann an 1910 aig an Allan Line, companaidh mhór a chaidh a stéidheachadh an toiseach ann an Saltcoats. Ràinig Alasdair Quebec air 7 an t-Òg-mhios an déidh deich làithean aig muir. Bha 1273 de luchd-siubhail air bòrd uile gu léir, nam measg 337 “2nd cabin”, 937 “steerage”, 244 cloinne fo aois 14.
Sgrìobh am pàipear-naidheachd, an Shipping Gazette and Lloyd’s List air Diardaoin 26 an Céitean 1910, “The International Steam Navigation Company’s steamer Southwark, which arrived at Glasgow light today from Liverpool, has been chartered by the Allan Line to take Saturday’s sailing to Montreal and Quebec. The sailing should in ordinary circumstances have been taken by the Grampian, but this vessel, it will be remembered, went aground for a short time in the St. Lawrence between Quebec and Montreal, and the accident has delayed her return to this side.” Sin is adhbhar gu bheil an t-òran ag ràdh gun do sheòl e air an “Southwark Shasunnach”.
Tha buile làidir ann an ceòl an òrain, coltach ri cloc a’ cumail tìm, buile gach diog, no ri einnsean a’ bhàta is dòcha.