Jump to content

Ath Crogaid

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 08:10, 30 dhen t-Sultain 2022 le InternetArchiveBot (deasbaireachd | mùthaidhean) (Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.2)
Ath Crogaid

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 01′ 60″ Tuath
03° 49′ 60″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01556
Duilleag oifigeil Duilleag na Coimhearsnachd

‘S e baile beag dùthchasail ann an cridhe na Stiùbhartachd, air an àirde an iar-dheas na h-Alba air iomall Dhùn Phris a th' ann an Ath Crogaid (Beurla/Beurla Ghallda: Crocketford).[1] Tha e suidhichte aig 143m os cionn ìre na mara,[2] ann an Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), air an A75 eadar Lochfoot agus Springholm, ri taobh Loch Baile a' Mhuilinn agus Loch Auchenreoch.[3] Tha e 258km air falbh bho Obar Dheathain, 96km bho Ghlaschu, 26km bho Chille Chuithbeirt agus 109km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Ath Crogaid. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile agus oifis a' phuist anns a’ bhaile.[4] Taobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean ann is le sin feumar a dhol dhan bhun-sgoil ann an Springholm[5] agus dhan àrd-sgoil ann an Caisteal Dhùghlais.

Freumhan an Ainm

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à crochadh anns a' Ghàidhlig tha an t-ainm.[6] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Chille Chuithbeirt fhèin anns an 17mh Linn.[7]

Eachdraidh

Chaidh Ath Crogaid a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1452. Cha b' ann ach àite air rathad nan dròbhair gus an do ràinig na Bùchanaich ann an 1787, nuair a thoisich am baile a' fàs.[8] B' e dream radaigeach Pròstastanach a bh' annta, a bha air am fuadachadh bho Irbhinn, o chionn 's gu robh iad a' dol an aghaidh creideamhan oifigeil na dùthcha.[9]

Iomraidhean

  1. Ath Crogaid”. Stòr-dàta Briathrachais Gàidhlig. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 23mh dhen Ghearran 2019.
  2. Falling Rain
  3. Canmore
  4. Opening Times
  5. A' Chomhairle
  6. The New Statistical Account of Scotland, Volume 2, William Blackwood, Dùn Èideann 1834
  7. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  8. About Britain
  9. J. F. C. Harrison, The Second Coming: Popular Millenarianism 1780-1850 (Lunnainn: Taylor & Francis, 1979), ISBN 0710001916, duilleag 33.

Ceanglaichean a-mach