Villavicencio
Villavicencio
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
[[Faidhle: |300px]] | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Meta | ||||
Sgìre | Llanos Orientales | ||||
Àirde | 467m | ||||
Co-chomharran | 04° 09' Tuath 73° 38' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 1,328 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 380,222 (2005) | ||||
Dlùths | 286.31/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a' Bhaile |
‘S e prìomh-bhaile na roinne Meta, ann an Coloimbia,[1] a th’ann Villavicencio [2]. Tha e suidhichte aig àirde dhe 467m os cionn ìre na mara 88km air falbh bho Bhogotá.[3] agus tha teodhachd meadhan dhe 27° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1840 anns an sgìre ris an canar Còmhnardan an Ear (Spàinntis: Llanos Orientales). Tha eaconomaidh a’ bhaile gu math crochte air an àiteachas, gnìomhachas a’ chruidh agus na mèinnean. Tha cunntas-sluaigh dhe 380,222 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh.[4] 'S e Villavicencio an 12na baile as motha na dùthcha.[5]
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]'Se Hacienda (Oighreachd) Apaiy a' chiad ainm a bha air an tearmann far a bheil Villavicencio an latha an-diugh nuair a bha e fo bhuaidh A' Chomainn Iosaid. Chan eil e soilleir dè a tha am facal Guayupe sin a ' ciallachadh. Chaidh an t-ainm aige a dh'atharrachadh gu Villavicencio ann an 1845, an sloinneadh aig a' churaidh Antonio Villavicencio y Verástegui (1775 - 1816),[6] a bha an sàs anns a' chogadh an aghaidh na Spàinne.[7]
Sluagh a' bhaile
[deasaich | deasaich an tùs]Ged a tha 380,222 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 23,691 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[8] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Villavicencio, ach tha 0.4% dhe Tùsanaich agus 2.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga cuideachd. ' S urrainn dhan 93.5% dhe na daoine ann an Villavicencio leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 67.6% dhe na dachannan.[9]
Fèisean
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Villavicencio. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[10] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Ann an litreachas
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean A-mach
[deasaich | deasaich an tùs]An t-sìde ann an Villavicencio
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Encyclopedia Britannica
- ↑ Invias
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Bailtean as motha na dùthcha
- ↑ Leabharlann Luis Angel Arango
- ↑ Fiosrachadh a' Chomhairle[dead link]
- ↑ Cololmbia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia
Arauca • Armenia • Barranquilla • Bogotá • Bucaramanga • Cartagena • Cali • Cúcuta • Florencia • Ibagué • Inírida • Leticia • Manizales • Medellín • Mocoa • Montería • Mitú • Neiva • Pasto • Pereira • Popayán • Puerto Carreño • Quibdó • Riohacha • San Andrés • San José del Guaviare • Santa Marta • Sincelejo • Tunja • Valledupar • Villavicencio • Yopal