Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba
Cur air cois | 7 dhen Ghiblean 1934 |
---|---|
Ainm goirid | SNP |
Neach-cathrach | Iain MacShuibhne |
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
Ball de | European Free Alliance |
Political alignment | centre-left |
Ideòlas poilitigeach | Neo-eisimeileachd na h-Alba, Deamocrasaidh sòisealta, Scottish nationalism, pro-Europeanism |
Location of formation | Dùn Èideann |
Has subsidiary | Young Scots for Independence |
Prìomh-àite rianachd | Dùn Èideann |
Na bh’ann roimhe | National Party of Scotland, Scottish Party |
SRGB color hex triplet | FFF95D |
Làrach-lìn | https://www.snp.org/ |
Member category | Category:Scottish National Party politicians |
'S e partaidh-poileatagach sòisealta-deamocratach ann an Alba a tha a’ strì airson neo-eisimeileachd na dùthcha a th' ann am Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (Beurla: Scottish National Party, Beurla Ghallda: Scots National Pairty).[1] Chaidh am pàrtaidh sin a stèidheachadh ann an Dùn Èideann ann an 1934 tro aonadh "The Scottish Party" agus "The National Party of Scotland". Bha Robert Bontine Cunninghame Graham na chiad cheann-suidhe a' phàrtaidh. Bhuannaich iad a' chiad cathair ann an Westminster nuair a thaghadh Robert McIntyre ann am frith-thaghadh Tobar na Màthar ann an 1945.[2] Bhuannaich Winnie Ewing an dàrna seat ann an Hamilton ann an 1967.[3]
Riaghaltas
[deasaich | deasaich an tùs]Fhuair na Nàiseantaich 47 seataichean dhe 129 ann am Pàrlamaid na h-Alba air fad anns na taghaidhean ann an 2007, ach cha d’ fhuair iad taic bho na pàrtaidhean eile airson riaghaltas co-bhonn a stèidheachadh, leis gu bheil na Làbaraich, na Libearalaich agus na Tòraidhean gu math an aghaidh neo-eisimeileachd na h-Alba. Le sin, bha iad a’ riaghladh na dùthcha ann an Riaghaltas beag-chuid eadar 2007 agus 2011. Le 68 seataichean dhe 129 anns na taghaidhean ann an 2011 chùm am Pàrtaidh riaghaltas mòr-chuid.[4] Bha Ailig Salmond na phrìomh-mhinistear gus 2014.[5]
Roinn-Eòrpa
[deasaich | deasaich an tùs]Ro Bhrexit, bha am pàrtaidh na bhall de na h-Uainich/Caidreachas Saor anns a' Phàrlamaid Eòrpach is Alyn Smith na cheannard.[6]
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Jimmy Reid
- Ailig Salmond
- Nicola Sturgeon
- Humza Yousaf
- Sean Connery (neach-taic agus ball)
Ionannachd ris a’ Phàrtaidh Québécois
[deasaich | deasaich an tùs]Tha caochladh riochdaire a’ Phàrtaidh Québécois air ràdh gu bheil am pàrtaidh aca uabhasach coltach ri Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba.[7] A bharrachd air sin, thathar a’ cur an cèill anns an cuid òraid phoileataigeach nach eil Catalòinia, Alba agus Québec (IPA: kebɛk) cho eadar-dhealaichte. Gu dearbha, chan eil iad air an cuid amasan a choileanadh fhathast ged a bheil iad air a bhith a’ lorg neo-eisimeileachd na dùthchannan aca, 's dòcha air sàilleabh gu bheil frionas ann eadar an taobh deamocratach sòisealta agus an taobh nàiseantach na trì dùthchannan sin. ‘S urrainn dhan Phàrtaidh Québecois agus na Nàiseantaich ann an Alba taghaidhean a bhuannachadh ach, gu ruige seo, chan fhaodadh iad neo-eisimeileachd fhaighinn. Mìnichidh am film Le confort et l'indifférence (Gàidhlig: Comh-fhurtachd agus Suarachas) dhuinn mu dheidhinn an t-suidheachaidh sin leis gu bheil sinn a’ fuireach ann an stàit shochairean agus ann an co-chomann na luchd-chleachdaidh.[8] ‘S e measgachadh dhe mòran dhaoine eadar-dhealaichte ann an co-bhann a bh' ann Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba nuair a thòisich e ann an 1934, is iad nan luchd-dealachaidh Albannach ann an dà chuid daoine na làimhe deise is daoine na làimhe chlì. Dh’ fhàsadh am pàrtaidh beag air bheag is iad a’ gabhail smuaintean bho na Làbaraich is bho na Tòraidhean. ‘S e an aon rud a thachair eadar Pàrtaidh Libearalach na Québec agus Aonadh Nàiseanta na Québec.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ The European Language Initiative (2001): “Faclair na Pàrlamaid”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 18mh dhen Fhaoilleach 2017 (pdf).
- ↑ “Mr Robert McIntyre, former MP, Motherwell”. They Work for You. Air a thogail 18mh dhen Fhaoilleach 2017.
- ↑ “Our Party”. Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 18mh dhen Fhaoilleach 2017.
- ↑ “Sùil air: Ailig Salmond”, Naidheachdan a' BhBC. 24mh dhen Fhaoilleach 2014. Air a thogail 28mh dhen Mhàrt 2023.
- ↑ “Salmond a' falbh an dèidh bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd”, Naidheachdan a' BhBC. 22mh dhen t-Sultain 2014. Air a thogail 28mh dhen Mhàrt 2023.
- ↑ “SNP MEP elected President of EFA Group in the European Parliament”, Na h-Uainich/Caidreachas Saor. 11mh dhen Ògmhios 2019. Air a thogail 28mh dhen Mhàrt 2023.
- ↑ Virgile
- ↑ IMDB
Ceanglaichean a-muigh
[deasaich | deasaich an tùs]- Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba
- Poileasaidhean (2021) a thaobh na Gàidhlig (anns a’ Ghàidhlig)
Alexander MacEwen (1934–1936) • Andrew Dewar Gibb (1936–1940) • William Power (1940–1942) • Douglas Young (1942–1945) • Bruce Watson (1945–1947) • Robert McIntyre (1947–1956) • Jimmy Halliday (1956–1960) • Arthur Donaldson (1960–1969) • William Wolfe (1969–1979) • Gordon Wilson (1979–1990) • Ailig Salmond (1990–2000) • Iain MacShuibhne (2000–2004) • Ailig Salmond (2004–2014) • Nicola Sturgeon (2014–2023) • Humza Yousaf (2023–2024) • Iain MacShuibhne (2024–)