Jump to content

Pàrtaidh Spùinneadairean na RA

O Uicipeid
Pàrtaidh Spùinneadairean
na RA
Fiosrachadh
Stèidheachadh 30 dhen Iuchar 2009[1]
Beachd-Smuainealas An-Dràsda Saoirse na cainnte,
Prìobhaideachd
Ath-leasachadh nan còraichean lethbhreac 's nam peutantan
Oifisean Stèidhichte air an eadar-lìon
Cathraiche Laurence Kaye
Suidheachain Chan eil gin
Riaghaltas Taobh a-muigh an Riaghaltais
Làrach-lìn www.pirateparty.org.uk

Tha Pàrtaidh Spùinneadairean na RA (no cuideachd Pàrtaidh nan Spùinneadairean, (Beurla:Pirate Party UK (PPUK, Cuimris:Plaid Môr-leidr DU 'na phàrtaidh poileataigeach san Rìoghachd Aonaichte.[2] Tha prìomh amasan a' phàrtaidh a' gabhail a-steach ath-leasachadh nan còraichean lethbhreac 's nam peutantan, taic do phrìobhaideachd, nas lugha de choimheadachd on riaghaltas agus o ghnothachas agus làn-taic do shaoirse na cainnte airson a h-uile duine.[3][4]

Ghabh am pàrtaidh pàirt ann an taghadh ann an 2010 a' chiad turas is 9 tagraichean aige san taghadh choitcheann ann an 2010. Chaidh ceannard làithreach a' phàrtaidh, Andrew Robinson, a thaghadh ro stèidheachadh a' phàrtaidh agus chaidh a dhearbhadh mar cheannard le buill a' phàrtaidh ann an 2010.

Dh'fhàs ùidh ann am Pàrtaidh nan Spùinneadairean air feadh an t-saoghail ri linn cùis-lagha Pirate Bay. 'S e Spùinneadairean na Suaine, an t-àite às an robh Pirate Bay, a choisinn a' chiad bhall pàrlamaid ann an 2009 san taghadh dhan Phàrlamaid Eòrpach. 'S ann sa Ghearmailt agus san Fhraing a thug daoine ùidh ann gu h-àraidh agus chaidh ballrachd sa phàrtaidh am meud. Chaidh Pàrtaidh Spùinneadairean na RA a stèidheachadh mar phàrtaidh greiseag an dèidh an taghaidh dhan Phàrlamaid Eòrpach.[5][6] agus chaidh a chlàradh gu oifigeach an 30mh dhen Iuchar 2009.[2][7][8]

Leig Andrew Robinson dheth a dhreuchd bliadhna an dèidh sin[9] agus chaidh an sgrìobhaiche-ciùil 's òraidiche Laurence "Loz" Kaye a thaghadh 'na àite 26 dhen t-Sultain 2010[10]

Prìomh phoileasaidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
Loz Kaye

Tha trì prìomh phoileasaidhean aig Pàrtaidh Spùinneadairean na RA[3]

  • Crìoch a chur air ana-mheud de choimheadas, pròifileadh is lorgachadh de dhaoine leis an riaghaltas agus gnothachasan mòra.
  • Dèanamh cinnteach gu bheil làn-saoirse na cainnte aig gach duine agus gu bheil fìor shaoirse aca pàirt is tlachd a ghabhail ann an co-chultar mac an duine.
  • Ath-leasachadh nan còraichean-lethbhreac 's nam peutantan gus cead a thoirt do cho-roinneadh fhaidhlichean neo-mhalairteach agus faid nan còraichean-lethbhreac a tha ro fhada a dhèanamh nas giorra agus dèanamh cinnteach nach dèid peutantan a chleachdadh gus casg a chur air tionnsgalachd no a chum prìsean a stiùireadh.

Chaidh iomadh moladh eile a chur air fòraman a' phàrtaidh nuair a bha e 'ga chruthachadh, leithid ath-leasachadh rian nan taghaidhean, cead a thoirt do chainb agus ath-leasachadh Seirbheis Nàiseanta na Slàinte. Chuir am pàrtaidh an cèill gu soilleir gu bheil e a' cur fòcas air na trì prìomh phoileasaidhean aige a dh'aindeoin nam beachdan sin.[11]

An Taghadh Coitcheann 2010

[deasaich | deasaich an tùs]

Sheas naoinear airson a' phàrtaidh san Taghadh Choitcheann ann an 2010 agus fuair e 1,340 bhòt, 's e sin mu 0.34% de dh'iomlan nam bhòtaichean sna roinnean far an robh tagraichean a' seasamh airson a' phàrtaidh.[12][13]

Tagraiche Roinn-taghaidh Bhòtaichean
Andrew Robinson Worcester 173[14]
Graeme Lambert Bury North 131[15]
Alexander van Terheyden Bethnal Green and Bow 213[16]
Tim Dobson Manchester, Gorton 236[17]
Luke Leighton South West Surrey 94[18]
Shaun Dyer Leicester West 113[19]
Finlay Archibald Meadhan Ghlaschu 120[20]
David Geraghty Derby North 170[21]
Jack Nunn Cathraichean Lunnainn is Westminster 90[22]

Chaill gach tagraiche an cuid taisg agus 's ann am Manchester Gorton a fhuair am pàrtaidh an toradh a b' fhearr le 0.62%.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Pirate Party UK now registered
  2. 2.0 2.1 Coimisean nan Taghaidhean
  3. 3.0 3.1 Làrach-lìn Pàrtaidh Spùinneadairean na RA
  4. Q&A: Why the UK needs the Pirate Party
  5. Pirate Party wins European Parliament seat
  6. Bay fans get voice on copyright issues
  7. Pirate Party launches UK poll bid
  8. Pirate Party UK sets sail
  9. The Pirate Party UK, One Year On
  10. Loz Kaye elected leader of UK Pirate Party
  11. https://web.archive.org/web/20100414175856/http://www.pirateparty.org.uk/blog/2009/aug/14/our-core-beliefs/
  12. Everything starts somewhere
  13. Pirate Party celebrates 1,340-vote election result
  14. Election 2010, Worcester, BBC
  15. Election 2010, Bury North, BBC
  16. Election 2010, Bethnal Green & Bow, BBC
  17. Election 2010, Manchester Gorton, BBC
  18. Election 2010, Surrey South West, BBC
  19. Election 2010, Leicester West, BBC
  20. Election 2010, Glasgow Central, BBC
  21. Election 2010, Derby North, BBC
  22. Election 2010, Cities Of London & Westminster, BBC

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]