Nicola Sturgeon
'S e neach-poileataigs Albannach, Prìomh Mhinistear na h-Alba, agus ceannard a' Phàrtaidh Nàiseanta a tha ann an Nicola Ferguson Sturgeon, BPA (rugadh 19 an t-Iuchar 1970). Mar Bhall Pàrlamaid na h-Alba tha i a' riochdachadh Glaschu Taobh a Deas.
Rugadh Nicola Sturgeon ann an Irbhinn, Siorrachd Àir, fhuair i a cuid sgoile aig Acadamaidh Greenwood, agus choisinn i ceum LLB (Urram) ann an lagh agus Dioplòma ann an Gnàthas Lagha aig Oilthigh Ghlaschu. Ro phoileataigs, bha i ag obair ’na neach-lagha aig Ionad Comhairle Lagha is Airgid ann an Druim a' Chapaill, Glaschu.
Tha i a' fuireach ann an Glaschu cuide ris an duine aice, Peter Murrell, a bha na àrd-oifigear gnìomha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba.
Poileataigs
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh a taghadh mar bhall-pàrlamaid roinneil airson baile Ghlaschu ann an 1999. Riochdaich i Glaschu mar bhall liosta eadar 1999 is 2003 agus Glaschu Baile a' Ghobhainn mar bhall roinne-phàrlamaid eadar 2007 agus 2011 nuair a chaidh na crìochan taghaidh atharrachadh agus tha i a-nis a' riochdachadh Glaschu Taobh a Deas.[1]
Ann an Riaghaltas na h-Alba bha i ann an dreuchd Rùnaire Caibineit na Slàinte eadar an Céitean 2007 agus an t-Sultain 2007, agus ann an dreuchd Rùnaire Caibineit airson Bun-structair In-ionmhais agus Bhailtean le dleastanasan airson ro-innleachd an riaghaltais agus na bun-reachd gus an t-Samhain 2014. Bha i cuideachd 'na Leas-phrìomh-mhinistear aig an àm sin.
Chaidh a taghadh mar Cheannard Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba air 14 an t-Samhain 2014 agus ghabh i dleastanasan a’ Phrìomh Mhinisteir os làimh air 20 an t-Samhain 2014. Thug i seachad Òraid an t-Sabhail aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2015.[2] An dèidh do thaghadh Albannach 2021 mhair i mar phrìomh-mhinistear is chaidh na h-Uainich ann an riaghaltas na h-Alba airson a' chiad turas.[3]
Anns a' Ghearrain 2023 thuirt i gun leigeadh i a dreuchd mar phrìomh mhinistear suas nuair a thagh am Pàrtaidh Nàiseanta ceannard ùr.[4] Bhuannaich Humza Yousaf taghadh a' cheannardais an dèidh seo.[5]
Cùis Ailig Salmond
[deasaich | deasaich an tùs]Bha rannsachaidhean ann mun dòigh anns an do làimhsich Ms Sturgeon gearainean mu Ailig Salmond. A-rèir rannsachaidh neo-eisimeileach a rinn James Hamilton QC a bha na àrd neach-casaid ann an Èirinn cha do bhris ise còd nam ministearan.[6] Thug comataidh Thaigh an Ròid aithris air a' chùis is thuirt iad gun do mheall Ms Sturgeon iadsan ach cha b' ann a dh'aona-gnothach a rinn i sin.[7]
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- BBC Naidheachdan: Sùil air: Nicola Sturgeon
- BBC Naidheachdan 2015-10-21: Am Prìomh Mhinistear aig Sabhal Mòr Ostaig
- “Nicola Sturgeon MSP, Glasgow Southside”. They Work for You. Air a thogail 19mh dhen Iuchar 2017.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Personal Information”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 19mh dhen Iuchar 2017.
- ↑ “Òraid an t-Sabhail 2015 / SMO Lecture 2015”. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 19mh dhen Iuchar 2017.
- ↑ “New Ministers to be appointed”, Riaghaltas na h-Alba. 30mh dhen Lùnasdal 2021. Air a thogail 1d dhen t-Sultain 2021.
- ↑ “Am Prìomh Mhinistear a' falbh”, Naidheachdan a' BhBC. 15mh dhen Ghearran 2023. Air a thogail 22mh dhen Ghearran 2023.
- ↑ “Ceannard ùr an SNP: Humza Yousaf”, Naidheachdan a' BhBC. 27mh dhen Mhàrt 2023. Air a thogail 8mh dhen Ghiblean 2023.
- ↑ Carrell, Severin: “Nicola Sturgeon vows to focus on elections after being cleared by inquiry”, The Guardian. 22mh dhen Mhàrt 2021. Air a thogail 23mh dhen Mhàrt 2021.
- ↑ “Naidheachdan 11:00m”, Naidheachdan a' BhBC. 22mh dhen Mhàrt 2021. Air a thogail 23mh dhen Mhàrt 2021.
Buill sgìreil | Bob Doris (Glaschu Cnoc Màiri agus Allt an Fhuarain) • Seumas Ó Dornáin (Glaschu Cathcart) • Clare Haughey (An Ruadh-Ghleann) • Bill Kidd (Glaschu Fearann Anna) • Iain Mason (Glaschu Baile Nighean Sheadna) • Ivan McKee (Glaschu Provan) • Nicola Sturgeon (Glaschu Taobh a Deas) • Kaukab Stewart (Glaschu Ceilbhinn) • Humza Yousaf (Glaschu Pollaig) |
Buill liosta | Patrick Harvie • Paul Sweeney • Pam Duncan-Glancy • Pauline McNeill • Anas Sarwar • Sandesh Gulhane • Annie Wells |
Dòmhnall Mac an Deòir (1999–2000) • Eanraig MacGillÌosa (2000–2001) • Seac MacConaill (2001–2007) • Ailig Salmond (2007–2014) • Nicola Sturgeon (2014–2023) • Humza Yousaf (2023–2024) • Iain MacShuibhne (2024–)
Seumas Uallas (7 an Cèitean 1999 gu 23 an t-Ògmhios 2005) • Nicol Stephen (27 an t-Ògmhios 2005 gu 16 an Cèitean 2007) • Nicola Sturgeon (16 an Cèitean 2007 gu 19 an t-Samhain 2014) • Iain MacShuibhne (21 an t-Samhain 2014 gu 29 am Màrt 2023) • Seòna Robasdan (29 am Màrt 2023 gu 9 an Cèitean 2024) • Ceit Fhoirbeis (9 an Cèitean 2024–) |
Alexander MacEwen (1934–1936) • Andrew Dewar Gibb (1936–1940) • William Power (1940–1942) • Douglas Young (1942–1945) • Bruce Watson (1945–1947) • Robert McIntyre (1947–1956) • Jimmy Halliday (1956–1960) • Arthur Donaldson (1960–1969) • William Wolfe (1969–1979) • Gordon Wilson (1979–1990) • Ailig Salmond (1990–2000) • Iain MacShuibhne (2000–2004) • Ailig Salmond (2004–2014) • Nicola Sturgeon (2014–2023) • Humza Yousaf (2023–2024) • Iain MacShuibhne (2024–)