Richard Cox
Richard Cox | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Surrey (en) , 1954 |
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Ghlaschu Oilthigh Shruighlea Sabhal Mòr Ostaig |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair agus cànanaiche |
Buaidh | Magne Oftedal |
'S e cànanaiche agus foillsichear a tha ann an Richard A. V. Cox. Tha ùidh shònraichte aige ann an cànanachas eachdraidheil, ainmean-àite agus faclaireachd.[1]
Foghlam is Dreuchdan
[deasaich | deasaich an tùs]Rugadh e ann an Sasainn ach thachair gun tàinig e a Leòdhas, far an robh e a' fuireach greis, agus chuir e roimhe an uair sin a dhol a Ghlaschu gus ceum a thoirt a-mach aig Oilthigh Glaschu.[1] Chuir e seachad greis ann an Oslo cuideachd far an robh an t-Ollamh Magne Oftedal aig an àm sin.[1] The e air a bhith an sàs ann an iomadh pròiseact, a' gabhail a-steach Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu agus an cùrsa Speaking Our Language nuair a bha e ann an Cnoc Iòrdain 's e a' toirt a-mach teisteanas foghlaim ann.[1]
Dh'ionnsaich e ceàrd fhoillsichear aig Oilthigh Shruighlea mus deach e a Shabhal Mòr Ostaig a theagasg far an d' fhuair e urram ollaimh cuideachd.[1][2]
Foillseachadh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e air iomadh leabhar is pàipear luachmhor fhoillseachadh, am faclair Brìgh nam Facal agus The Gaelic place-names of Carloway nam measg.[3][4][5]
Tùsan
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 1.2 1.3 1.4 https://web.archive.org/web/20110903172502/http://www.smo.uhi.ac.uk/Rannsachadh/cox_gd.html An t-Oll. Richard A.V. Cox
- ↑ https://web.archive.org/web/20120111144853/http://www.smo.uhi.ac.uk/A-Cholaiste/Naidheachdan/duais_luchd_rannsachaidh_gd.html Luchd-rannsachaidh an t-Sabhail air Aithneachadh aig Àrd-ìre
- ↑ Cox, A.V. Brìgh nam Facal (1991) Roinn nan Cànan Ceilteach ISBN 903204-21-5
- ↑ Cox, A.V. The Gaelic place-names of Carloway, Isle of Lewis (2002) Scoil an Ard-Léinn Cheiltigh ISBN 1-85500-192-6
- ↑ Cox, Richard A. V. (2017): Gearr Ghràmar na Gàidhlig. Clann Tuirc.