Sagsainn
Cur air cois | 10 dhen t-Samhain 1918 |
---|---|
Ainm oifigeil | Freistaat Sachsen |
Ainm dùthchasach | Freistaat Sachsen |
Archives at | Saxony State Archives |
Ainmichte às dèidh | Saxons |
Neach bhon àite | Saščan, Saščanka |
Mòr-roinn | An Roinn-Eòrpa |
Dùthaich | A' Ghearmailt |
Prìomh-bhaile | Dresden |
Sgìre riaghaltais ionadail | A' Ghearmailt |
Roinn-tìde | UTC+01:00, UTC+02:00 |
Domhan-leud is -fhad | 51°1′37″N 13°21′32″E |
Puing as àirde | Fichtelberg |
Oifis aig ceann an riaghaltais | Minister-President of Saxony |
Ceannard an riaghaltais | Michael Kretschmer |
Legislative body | Landtag of Saxony |
Highest judicial authority | Constitutional Court of the Free State of Saxony |
Ball de | IT Planning Council |
Cruth laghail | Körperschaft des öffentlichen Rechts |
A’ gabhail a-steach | Mitteldeutsche Flughafen AG |
Na bha roimhe | Saxony |
Na bh’ann roimhe | Dresden District, Karl-Marx-Stadt District, Leipzig District, Cottbus District |
Language used | East Frisian Low Saxon, Upper Saxon, Sòrbais Uarach |
Àireamh fóin | +49-351-5640 |
Email address | mailto:info@sk.sachsen.de |
Làrach-lìn | https://www.sachsen.de/ |
Described at URL | http://id.worldcat.org/fast/1233658 |
Privacy policy URL | https://www.sachsen.de/datenschutz.html |
Main regulatory text | Constitution of the Free State of Saxony |
Bratach | flag of Saxony |
Gearradh-arm | coat of arms of Saxony |
History of topic | history of Saxony |
List of monuments | Q13409562 |
Economy of topic | economy of Saxony |
Contact page URL | https://www.sachsen.de/kontakt.html |
Impressum URL | https://www.sachsen.de/impressum.html |
Mastodon instance URL | https://social.sachsen.de |
Roinn-seòrsa an deilbh | Category:Views of Saxony |
Category for maps | Category:Maps of Saxony |
'S e saor-stàit Gearmailteach a tha ann an Sagsainn (Sachsen sa Ghearmailtis, Saxony sa Bheurla). Tha Dresden na phrìomh-bhaile.
Suidheachadh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha Sagsainn ann an earra-dheas na Gearmailt. Tha Brandenburg agus Sagsainn-Anhalt air taobh tuath dheth. Anns an iar tha Thüringen agus Bayern ann. Ann an ceann a deas Sagsainn tha an t-Seic agus tha a' Phòlainn san ear.
Na bailtean mòra
[deasaich | deasaich an tùs]'S e Leipzig am baile as motha ann an Sagsainn. Tha e anns an iar-thuath Sagsainn. 'S e "Leipziger Messe" (Fhèill Leipzig) aon dhe na h-àiteachan-fèille as aosta air feadh an t-saoghail. Chaidh na togalaichean ath-nuadhachadh ann an 1996. An-diugh tha Leipzig cliùiteach m. e. airson an "Leipziger Buchmesse", (fèill leabhraichean Leipzig). Tha Radio MDR an seo cuideachd.
Tha Dresden na phrìomh-bhaile Shagsainn. 'S e cridhe poileataigeach agus cultarach a th' ann. Tha Chemnitz anns an ear agus Zwickau anns an earra-dheas cudthromach airson eaconomaidh. 'S e Plauen anns an iar-dheas am baile as motha anns an Vogtland. Tha Görlitz air taobh an iar an abhainn Neiße. An dèidh an Dàrna Cogaidh chaill iad an dàrna pàirt dhen bhaille air taobh an ear na h-aibhne don Phòlainn. An-diugh 's e Zgorzelec an t-ainm a th' air a' phàirt Phòlannach.
Chan eil Bautzen anns an earra-dheas uabhasach mòr, ach 's e prìomh-bhaile nan Sorbach a th’ ann.
Baile | Ceàrn | Àireamh-shluaigh 31 an Dùbhlachd 2000 |
Àireamh-shluaigh 31 an Dùbhlachd 2009 |
Atharrachadh ann an % |
---|---|---|---|---|
Leipzig | saor-baile | 493.208 | 518.862 | +5,20 |
Dresden | saor-baile | 477.807 | 517.052 | +8,21 |
Chemnitz | saor-baile | 259.246 | 243.089 | −6,23 |
Zwickau | Zwickau | 103.008 | 94.340 | −8,41 |
Plauen | Vogtlandkreis | 71.543 | 66.412 | −7,17 |
Görlitz | Görlitz | 61.599 | 55.957 | −9,16 |
Freiberg | Mittelsachsen | 45.428 | 41.701 | −8,20 |
Bautzen / Budyšin | Bautzen | 43.353 | 40.740 | −6,03 |
Freital | Sächsische Schweiz-Osterzgebirge | 40.129 | 39.200 | −2,32 |
Pirna | Sächsische Schweiz-Osterzgebirge | 42.108 | 39.030 | −7,31 |
Hoyerswerda / Wojerecy | Bautzen | 50.203 | 38.218 | −23,87 |
Riesa | Meißen | 39.367 | 34.324 | −12,81 |
Radebeul | Meißen | 32.246 | 33.466 | +3,78 |
Zittau | Görlitz | 32.775 | 28.638 | –12,62 |
Meißen | Meißen | 29.398 | 27.693 | −5,80 |
Cruinn-eòlas
[deasaich | deasaich an tùs]Cruth na tìre
[deasaich | deasaich an tùs]Tha cruth na tìre Shagsainn ag atharrachadh bhon thuath, far a bheil an dùthaich rèidh, gu deas, far a bheil na beanntan àrda ann.
Timcheall air Leipzig tha an Leipziger Tieflandbucht ann, roinn far a bheil an talamh glè thorrach. Anns an àm a dh’fhalbh bha mòran mèinnean-ghuail ann. Ach an uair sin chuireadh craobhan is lusan air ais air an àite agus cleachdar e mar àite cleasachd an-diugh.
Ri taobh an abhainn Elbe agus timcheall air Dresden tha an Dresdner Elbtal (Gleann Elbe Dresden) ann. Eadar 2004 is 2009 bha pàirt den ghleann Elbe na Làrach Dhualchas na Cruinne den UNESCO. Air sgàth 's gu bheil an t-sìde nas blàithe agus nas tiorma an-sin, tha fìon-liosan agus àiteachas measan an seo.
Taobh an ear-thuath Shagsainn tha an Niederlausitz le coilltean-feàrna, talamh-fraoch agus coilltean-giùthsach ann.
Ach tha an Oberlausitz air taobh an earra-dheas Shagsainn ioma-chruthach. Tha an Oberlausitzer Heide und Teichgebiet faisg air Bautzen a' gabhail a-steach roinnean le fraoich is lochan a tha cudromach do bhith-chruinne. Mar sin chaidh e a dhìonadh mar Ionad-dìon Nàdair leis an UNESCO ann an 1996. Ann am mheadhan an Oberlausitz tha cnocan beaga ann le talamh math airson àiteachas. Air àirde a deas tha an Lausitzer Bergland ann a tha a' gabhail a-steach an Zittauer Gebirge. Tha a' chuid as motha den talamh à clachan ghràineil.
Tha Sächsisches Mittelgebirge le cnocan beaga sgaoilte bhon iar gu ear Shagsainn. Air àird a deas na dùthcha tha beanntan mòra ann ris an canar: Vogtland le Elstergebirge, Erzgebirge, Elbsandsteingebirge agus Lausitzer Bergland leis an Zittauer Gebirge (bhon iar gu ear).
Beanntan
[deasaich | deasaich an tùs]Tha Schneehübel (974 m) agus Schneckenstein (883 m) anns am Vogtland. 'S e Hoher Brand (805 m) a' bheinn as àirde anns an Elstergebirge. Anns an Erzgebirge tha am Fichtelberg (1215 m), an Eisenberg (1208 m), an Auersberg (1019 m) agus an Einsberg (1003 m) nas àirde na 1000 meatair. Tha an Großer Zschirnstein (562 m) anns an Elbsandsteingebirge. 'S e Lausche (793 m) a' bheinn as àirde anns an Zittauer Gebirge.
Aibhnichean
[deasaich | deasaich an tùs]Seo cuid de na h-aibhnichean as cudromaiche, tha iad a' ruith gu tuath:
- Elbe, an t-aona abhainn a tha math gu leòr airson bàtaichean mòra
- Mulde
- Weißeritz
- Zschopau
- Weiße Elster
- Spree
- Lausitzer Neiße, 's e an abhainn seo a' chrìoch eadar a' Ghearmailt agus a' Phòlainn.
Mion-chànain
[deasaich | deasaich an tùs]Ann ann Sagsainn tha Sòrbais Uarach ga bruidhinn, gu h-àraidh eadar Bautzen (Budyšin), Kamenz (Kamjenc) agus Hoyerswerda (Wojerecy). Tha eadar 40,000 is 55,000 duine a' cleachdadh Sorbais Uarach mar phrìomh-chànain. 'S e Bautzen teis-meadhan nan Sorbach agus cridhe dhen bheatha chultarach. Tha mòran bhuidhnean an seo a tha ag obair gus a' chànain aca a shàbhaladh.
Tha inbhe thèarainte is oifigeil aig Sòrbais Uarach mar mhion-chànain anns a' Ghearmailt. [1]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Baden-Württemberg • Bayern • Berlin • Brandenburg • Bremen • Hamburg • Hessen • Mecklenburg-Vorpommern • Nordrhein-Westfalen • Rheinland-Pfalz • Saarland • Sagsainn • Sagsainn-Anhalt • Sagsainn Iosail • Schleswig-Holstein • Thüringen