Zittau

O Uicipeid
Zittau
Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich a' Ghearmailt
Ceàrn Sagsainn
Sgìre Görlitz
Co-chomharran 50° 53′ 46″ Tuath
14° 48′ 26″ Ear.
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 66.74 km²
Àireamh-shluaigh 28.638 (2009)
Dlùths 0.43/km²
Àireamh fòn 0049 3583
Duilleag oifigeil www.zittau.eu

'S e baile ann an Sagsainn a tha ann an Zittau (Seacais: Žitava, Pòlais: Żytawa, Sòrbais Uarach: Žitawa). Tha e suidhichte ann an ear-dheas na Gearmailt faisg air na crìochan don Phòlainn agus don t-Seic. 'S e seo na co-chomharran aige: 50° 53′ 46″ Tuath agus 14° 48′ 26″ Ear. Ann an 2009 bha 28.638 duine a' fuireach an seo.[1]

Tha Zittau suidhichte aig cois nam beann Zittauer Gebirge, eadar 230 m is 285 m os cionn na mara. Tha abhainn bheag, Mandau, a' ruith tron bhaile. San iar-dheas a’ baile tha loch ris an canar Olbersdorfer See.

Thàinig an t-ainm Zittau às na cànanan Slàbhach agus tha e a' ciallachadh "seagal".

Tha am baile ainmeil air sgàth 's nam Fastentücher (Laideann: Velum quadragesimale) aca. 'S e pìosan clò a th' annta a chleachdadh anns na seann làithean airson an altair a chur air falbh aig àm a' Charghais. Chaidh iad a chruthachadh ann an 1472 agus 1573. Tha am fear as motha a' sealltainn sgeulachdan às a' Bhìoball. Mar sin tha e sònraichte air feadh na Roinn Eòrpa gus an latha an-diugh. [2]

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. www.statistik.sachsen.de
  2. Fastentücher ann an Zittau
  3. Gemeinde Eichgraben
  4. Comune di Pistoia
  5. Stadt Villingen-Schwenningen

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: