Radebeul
Coltas
Radebeul
| |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | a' Ghearmailt | ||||
| Ceàrn | Sagsainn | ||||
| Sgìre | Meißen | ||||
| Co-chomharran | 51° 6′ 1″ Tuath 13° 40′ 38″ Ear. | ||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 26.06 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 33,466 (2009) | ||||
| Dlùths | 1,284.19/km² | ||||
| Àireamh fòn | 0049 351 | ||||
| Duilleag oifigeil | www.radebeul.de | ||||
'S e baile ann an Sagsainn, a' Ghearmailt a tha ann an Radebeul. Tha e suidhichte eadar Dresden agus am baile Meißen anns an ear-dheas na dùthcha. 'S e seo na co-chomharran aige: 51° 6′ 1″ Tuath agus 13° 40′ 38″ Ear.
Ann an 2009 bha 33.466 duine a' fuireach an seo.[1] mar sin ‘s e sin an dàrna baile as motha anns an Sgìre Meißen a-rèir àireamh-shluaigh.
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Bha an sgrìobhadair Karl May agus a' bhean aige, Klara, a' fuireach ann an Radebeul airson bhliadhnaichean. Tha e ainmeil air sgàth 's na leabhraichean aige a tha a' cluich ann an Aimearaga, gu h-àraidh na caractaran Winnetou agus Old Shatterhand. Chaidh Karl May a thìodhlacadh ann an Radebeul. Tha taigh-tasgaidh anns an taigh aige an-diugh.