Jump to content

An Roinn-Eòrpa

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Roinn-Eorpa)
Dealbh-dùthcha a' nochdadh an Roinn-Eòrpa
Stàitean
Cànanach
Roinnean
Eòrpa 1000 AC

Is mòr-thìr an Roinn-Eòrpa, aon de na seachd tìrean mòra, agus e na pàirt Siar de Euràisia. Tha i air a dealachadh bho Àisia le crìoch thraidiseanta a tha air a cumadh leis na Beanntan Uralach 'san Ruis, am Bosphorus 'san Tuirc agus bho Afraga leis a' Mhuir Meadhanach. Tha an an Cuan Siar air taobh an Iar na Roinn-Eòrpa. Tha mu leth-cheud dhùthaich 'san Roinn-Eòrpa.

Anns an Eòlas-sgeulachd na Greug, bha Europa 'na ban-phrionnsa Fhèniseach a bha air a goid air falbh le Zeus, agus e ann an dreach tarbh, 's gun tug e do dh'eilean Chrèat i, far an do rug i Minos.

Stàitean agus Dùthchannan na Roinn-Eòrpa

Stàitean agus Dùthchannan

[deasaich | deasaich an tùs]

Chan eil stàitean na Roinn-Eòrpa ceangailte ri chèile le cruinn-eòlas a-mhàin: dh'fhàs iad gu bhith ceangailte ann eachdraidh cuideachd, a bharrachd air ceanglaichean eile tha ann, m.e.: cultar, gniomhachas, poileataigs, lagha.

Is e seo liosta nan stàitean agus dùthchannan na Roinn-Eòrpa a chleachdar aig na Dùthchannan Aonaichte. Ach tha liostaichean eile ann. Mar sin s' urrainn do na stàitean neo na h-àireamhan a bhith eadar-dhealaichte.

Ainm dùthcha[1] Ainm-duibhearach Farsaingeachd
(km²)
Àireamh-shluaigh
(1 an t-Iuchar, 2002 est.)
Prìomh-bhaile
Roinn Eòrpa an Ear:
A' Bhealaruis Беларусь 207,600 10,335,382 Minsk
Bulgàiria България 110,910 7,322,858 Sofia
Moldàibhia[2] Moldova 33,843 4,320,490 Chişinău
A' Phòlainn Polska 312,685 38,518,241 Warsaw
Ròmainia România 238,391 22,276,056 Bucharest
An Ruis [3] Россия 3,960,000 106,037,143 Mosgo
An t-Seic Česká republika 78,866 10,228,744 Pràg
An t-Slòbhac Slovensko 48,845 5,447,502 Bratislava
An Ùcrain Україна 603,700 46,299,862 Kyiv
An Ungair Magyarország 93,030 9,956,108 Budapest
Roinn-Eòrpa a Tuath:
Na h-Eileanan Àland (Suòmaidh) Åland 1,552 26,008 Mariehamn
An Danmhairg Danmark 43,094 5,368,854 Copenhagen
Eastòinia Eesti 45,226 1,415,681 Tallinn
Eilean Mhanainn [4] Ellan Vannin 572 73,873 Doolish
Na h-Eileanan Fàro (An Danmhairg) Føroyar 1,399 46,011 Tórshavn
Poblachd na h-Èireann Éire 70,280 4,234,925 Baile Átha Cliath
Geàrnsaidh [5] Bailiwick of Guernsey 78 64,587 St Peter Port
Innis Tìle Ísland 103,000 307,261 Reykjavík
Deàrsaidh [6] Bailiwick of Jersey 116 89,775 Saint Helier
An Laitbhe Latvija 64,589 2,366,515 Riga
Liotuàinia Lietuva 65,200 3,601,138 Vilnius
Nirribhidh Norge 324,220 4,525,116 Oslo
An Rìoghachd Aonaichte United Kingdom 244,820 59,201,000 Lunnainn
Suòmaidh Suomi 336,593 5,157,537 Helsinki
An t-Suain Sverige 449,964 9,090,113 Stockholm
Svalbard is Jan Mayen (Nirribhidh) Svalbard og Jan Mayen 62,049 2,868 Longyearbyen
Roinn Eòrpa a Deas:
Albàinia Shqipëria 28,748 3,600,523 Tirana
Andorra Andorra 468 68,403 Andorra la Vella
Bosna agus Heartsagobhana Босна и Херцеговина 51,129 4,552,198 Sarajevo
Cathair na Bhatacain Città del Vaticano 0.44 900 Vatican City
Croàisia Hrvatska 56,542 4,493,312 Zagreb
An Eadailt Italia 301,230 58,147,733 An Ròimh
A' Ghrèig Ελλάς 131,940 10,706,290 An Àithne
Giobraltair (An Rìoghachd Aonaichte) Gibraltar 5.9 27,714 Gibraltar
Malta Malta 316 397,499 Valletta
Masadoinia Македонија 25,333 2,055,915 Skopje
Am Monadh Neagrach [7] Црна Гора 13,812 684,736 Podgorica
A' Phortagail [8] Portugal 91,568 10,084,245 Lisbon
San Marino San Marino 61 27,730 San Marino
An t-Sèirb [9] Србија 88,361 10,147,398 Belgrade
Sloibhìnia Slovenija 20,273 2,009,245 Ljubljana
An Spàinn [10] España 498,506 40,077,100 Madrid
Roinn Eòrpa an Iar:
A' Bheilg België 30,510 10,274,595 A' Bhruiseal
An Eilbheis Schweiz 41,290 7,301,994 Bern
An Fhraing [11] France 547,030 59,765,983 Paris
A' Ghearmailt Deutschland 357,021 83,251,851 Berlin
Liechtenstein Liechtenstein 160 32,842 Vaduz
Lucsamburg Lëtzebuerg 2,586 448,569 Lucsamburg (baile)
Monaco Monaco 1.95 31,987 Monaco
An Ostair Österreich 83,858 8,169,929 Vienna
Na Tìrean Ìsle[12] Nederland 41,526 16,318,199 Amsterdam
Meadhan Àisia:
Casachstàn[13] Қазақстан 150,000 600,000 Nursultan
Àisia an Iar:
Asarbaidean[14] Azərbaycan 39,730 4,198,491 Baku
A' Chairtbheil[15] საქართველო 49,240 2,447,176 Tbilisi
An Tuirc[16] Türkiye 24,378 11,044,932 Ankara
Total 10,176,246 709,608,850
Mòr-roinnean an t-Saoghail

Afraga-Eoràisia

Na h-Aimearagan

Eoràisia

Afraga

Antargtaga

Àisia

Astràilia

An Roinn-Eòrpa

Aimearaga a Tuath

Aimearaga a Deas

Roinn a' Chuain Shèimh


Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Roinnean mòr-thìreil a rèir UN categorisations/map. A rèir mìneachaidh, 's urrainn do na ranntairean a' leantainn a bhith ann an Eòrpa còmhla ri Àisia, ann an Afraga, neo ann an Roinn a' Chuain Shèimh.
  2. A' gabhail a-steach Transnistria, roinn a ghairm agus bhuidhinn neo-eismeileachd de facto, ach chan eil mòran stàit air a neo-eisimeileachd aithnicheadh.
  3. Thathar a' meas gur e dùthcha anns an Roinn Eòrpa agus cuideachd ann an Àisia a tha anns An Ruis, le ranntair Eòrpach iar air na Beanntan Uralach, air an abhainn Ural agus an abhainn Emba; chan eil seo ach na h-àireamhan airson na cuide anns an Roinn Eòrpa.
  4. 'S e eisimeileachd Chrùin na Rìoghachd Aonaichte a tha ann an Eilean Mhanainn.
  5. 'S e eisimeileachd Chrùin na Rìoghachd Aonaichte a tha ann an Guernsey.
  6. 'S e eisimeileachd Chrùin na Rìoghachd Aonaichte a tha ann an Jersey.
  7. Ghairm Am Monadh Neagrach neo-eisimeileachd bho aonadh an Sèirb agus a' Mhonaidh Neagraich 3 Òg-mhios 2006.
  8. A' gabhail a-steach na h-Azores iar air a' Phortagail ach ag às-dùnadh Madeira ann an Afraga.
  9. A' gabhail a-steach Cosobho, mòr-roinn rianaichte le UNMIK a rèir Rùn Comhairle Tèarainteachd 1244.
  10. Ag às-dùnadh Na h-Eileanan Canàrach, iar air Morocco ann an Afraga, agus Ceuta is Melilla, a tha cuideachd ann an Afraga.
  11. Chan eil na h-àireamhan seo ach airson Fraing na Roinn-Eòrpa; tha pàirtean de na Frainge taobh a-muigh na h-Eòrpa.
  12. Àireamh-shluaigh nan Tìrean Ìsle anns an Iuchar 2004 agus airson pàirt de Rìoghachd nan Tìrean Ìsle anns an Roinn Eòrpa. 'S e Aruba, Curaçao, Na Tìrean Ìsle agus Sint Maarten an cèithir pàirtean dhen Rìoghachd. 'Se Amsterdam am prìomh-bhaile oifigeil agus Den Haag am prìomh-bhaile rianachail.
  13. Seo na h-àireamhan airson an ranntair aig Casachstàn iar air na Beanntan Uralach is na h-aibhnichean Ural agus Emba.
  14. Seo na h-àireamhan airson Asarbaidean tuath air a' Chabhcas is an aibhne Kura.
  15. Seo na h-àireamhan airson na Cairtbheile tuath air a' Chabhcas is an aibhne Kura, a' toirt leis an Abhchas agus Osàidea a Deas.
  16. Seo na h-àireamhan airson na Tuirce tuath is iar air a' Bhosphorus agus na Dardanelles.