Poblachd Ghranada Ùire
Poblachd Ghranada Ùire República de la Nueva Granada | ||||||||
| ||||||||
Mapa | ||||||||
Fiosrachadh | ||||||||
Bliadhna Tòiseachaidh | 1831 | |||||||
Bliadhna mu Dheireadh | 1858 | |||||||
Prìomh-Bhaile | Bogotá | |||||||
Càna(i)n Oifigeil | Spàinntis |
'S e Poblachd Ghranada Ùire an t-ainm a bha air Coloimbia eadar 1831 agus 1858, an dèidh gun do bhris a-mach às a chèile Coloimbia Mhòr, a'chiad stàit Coloimbianach. Chaill an dùthaich dà roinne cudromach: Eacuador agus A' Bheiniseala, a dh'adhbhraich ùpraid poiliteagach. Rè 27 bliadhnachan fhuair a' Phoblachd. 11 cinn-shuidhe: [1] Domingo Caycedo Santamaría, Francisco de Paula Santander, José Ignacio de Márquez Barreto, Pedro Alcántara Herrán, Tomás Cipriano de Mosquera, José Hilario López, José María Obando, José María Melo, José de Obaldía, Manuel María Mallarino, agus Mariano Ospina Rodríguez.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Nochd Poblachd Ghranada Ùire mar stàit neo-eisimeileach an dèidh gun do bhrist Coloimbia Mhòr a-mach às a chèile ann an 1830, is i a’ leantainn na chaidh a chur ron cho-chruinneachadh Apulo (28mh latha dhen Ghiblean 1830). Le sin, thug an Seanailear Rafael Urdaneta, ceann-suidhe mu dheireadh Choloimbia Mòire, an Riaghaltas do Dhomingo Caicedo Santamaría air an 3 latha dhen Chèitean 1831.
‘S e Stàit Ghranada Ùire an t-ainm eadar-amail a bha air a’ Phoblachd Ghranada Ùire nuair a chaidh e a sgaradh bhon Choloimbia Mhòr ann an 1830. [2] Chaidh an dùthaich ùr a chur air dòigh gu laghail mar phoblachd air an 29mh latha dhen Ghearran 1832, nuair a ghabh an Co-chruinneachadh nàiseanta leis a’ bhun-reachd ùr. A bharrachd air sin, fhuair na roinnean a leanas an cuid chumhachdan: Antioquia, Barbacoas, Bogotá, Cartagena, Magdalena, Neiva, Pamplona, Panamá, Pasto, Popayán, Socorro, Tunja, Vélez agus Veraguas. Chuireadh às do tràilleachd an seo ann an 1851.[3]
Dh’atharraich Poblachd Ghranada Ùire an t-ainm aige gu Co-chaidreachas Ghranada ann an 1858, nuair a ghabhadh ri Bun-reachd. Bha an stàit ùr mòran na b’ fheadarail. Chaidh an t-ainm Stàitean Aonaichte Choloimbia a ghabhail ris ann an 1863. Chaidh Coloimbia mar a dh ’aithnicheas sinn e an latha an-diugh chur air dòigh mu dheireadh thall ann an 1886.
Cruinn-eòlais agus Roinnean na Dùthcha
[deasaich | deasaich an tùs]A-rèir Bun-reachd na Dùthcha[4] bha crìochan na Poblachd co-ionnan mar a bha iad ann an 1810, seadh chaidh Leas-Rìoghachd Ghranada Ùire a sgaradh ann an dà chuid bhon A' Bheiniseala agus Guatamala, agus cuideachd bho Bhraisil, fhathast fo bhuaidh na Portagaile. A bharrachd air sin, chaidh crìochan le Eacuador a chur air bhonn tron aontadh, is ghabh an Còmhdhail ris air an 30mh latha dhen Chèitean 1833. ‘S e dìreach na roinnean a bha an sàs anns a’ Cho-chruinneachadh Ghranada ann an 1832 a bh’ann roinnean na dùthcha fon Phoblachd Ghranada Ùr co-dhiù, ga dhearbhadh leis a’ Bun-Reachd a dhearbhaich na Poblachd cuideachd, is iad mar a leanas: