Mariquita (Tolima)
Mariquita
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Tolima | ||||
Àirde | 495m | ||||
Co-chomharran | 05° 11' 54' Tuath 74° 53' 37' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 379.52 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 32,933 (2005) | ||||
Dlùths | 86.78/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
‘S e baile meadhanach faisg air Honda ann an Tolima, Coloimbia,[1] a th’ann am Mariquita (ainm slàn: San Sebastián de Mariquita). Tha e suidhichte aig 495m os cionn ìre na mara 118km air falbh bho Bhogotá[2] agus 120km bho Ibagué, prìomh-bhaile na roinne. 'S e baile le cìomaid gu math teth a th’ ann agus tha teodhachd mheadhanach mu 26.1˚ aige, rè na bliadhna.[3] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1551.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]B' e Pantágoras, Panches, Marquetones, Panchiguas, Lumbies, Chapaimas, Palamoimas, Hondas, Gualíes agus Bocanemes na treubhan Tùsanach a bh' ann an seo mus do ràinig na Spàinntich: tha beul-aithris na sgìre ag ràdh gu robh mu 30,000 cathaich uile gu lèir. Chaidh am baile a th' ann a-nis a stèidheachadh air 28 an Lùnastal 1551 le Francisco Núñez Pedroso.[4] B' e na mèinnean (airgead agus òr) a chumadh eaconomaidh na sgìre a' dol fad linntean. Chaochail Gonzalo Jiménez de Quesada an seo ann an 1579. Chaidh prìomh oifisean Triabhall Luibh-eòlasach Rìoghail, fo stiùireadh José Celestino Mutis, stèidhichte ann am Mariquita ann an 1788.[5] Ghairm anRoinn Mariquita a chuid neo-eisimeileachd 1812, ach b' e Honda a bh' ann a prìomh-àite. Chaidh an stàit bheag sin a roinneadh ann an trì sgìre na bu lugha ann an 1824: Mariquita, Honda, Ibagué agus La Palma. Thug an tubaiste a thachair ann an Armero - dìreach 32km air falbh bhon bhaile - buaidh gu math làidir air Mariquita.
Sluagh a' bhaile
[deasaich | deasaich an tùs]Tha 23,529 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha 32,933 duine a’ fuireach san sgìre air fad, a' toirt a-steach nan sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[6] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[7] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Taobh chinnidh, 's e daoine geala agus mestizos a th'ann a' mhòr-chuid nan daoine ann am Mariquita. Tha 3.5% dhuibh aig a bheil freumhan ann an Afraga agus 0.2% dhe Tùsanci. 'S urrainn dhan 89.2% nan daoine ann am Mariquita leughadh agus sgrìobhadh. A thuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig ach 31.3% nan dachannan.[8]
Fèisean
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Mariquita. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[9] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Clachain
[deasaich | deasaich an tùs]- Albania
- Alto Rico
- Borde de Medina
- Camelias
- Carrizales
- Cerro Gordo
- El Cariaño
- El Caucho
- El Hatillo
- El Mercado
- El Pomo
- El Porvenir
- El Rano
- El Rodeo
- El Silencio
- Fatima
- Flor Azul
- Guacas
- La Cabaña
- La Guardia
- La Mesa
- La Parroquia
- Las Lomas
- Las Marias
- Mal Paso
- Malabar Alto
- Malabar Bajo Puerto Negro
- Orita
- Pantano Grande
- Piedras Negras
- Pitalito
- Pueblo Nuevo
- Quebrada Honda
- San Andres
- San Antonio
- San Diego Alto
- San Diego Bajo
- San Geronimo
- San Juan
- Todo Santos