Jump to content

Magne Oftedal

O Uicipeid
Magne Oftedal
Beatha
Breith Sandnes, 10 dhen Mhàrt 1921
Dùthaich  Nirribhidh
Bàs Oslo, 26 dhen Chèitean 1985
Teaghlach
Cèile Eli Oftedal (en) Translate  (1947 -
Foghlam
Foghlam Oilthigh Oslo
Dreuchd
Dreuchd cànanaiche
Fastaichean Oilthigh Oslo
Ballrachd Acadamh Nirribheach nan Saidheansan is Litrichean

'S e cànanaiche Nirribheach a bha ann am Magne Oftedal (Sandnes, 10 am Màrt 1921 - Oslo, 26 an Cèitean 1985) 's rinn e rannsachadh air dual-chainntean na Gàidhlig agus ceanglaichean fòn-eòlasach eadar cànain Cheilteach is Spàinnteach.[1][2] Rugadh e ann an 1921 ann an Sandnes, san sgìre Rogaland agus thòisich e air Fil-eòlas ionnsachadh aig Oilthigh Oslo ach bhris an Dàrna Cogadh Mòr a-steach air agus cha do chuir e crìoch air ceum, ann an cànanachas, ach ann an 1947 an dèidh deireadh a' chogaidh.[2] Fhad 's e bha e 'na bhall air Oilthigh Oslo, rinn e obair-rannsachaidh air Eilean Leòdhais eadar 1949 is 1954 agus ri linn sin, dh'fhoillsich e pàipear cudromach air an robh The village names of Lewis in the Outer Hebrides ann an 1954 agus choisinn e inbhe dotaireachd le obair air Gàidhlig Liùrbost, The Gaelic of Leurbost ann an 1956.[2] Rinn e rannsachadh gu h-àraidh air fuaim-eòlas na Gàidhlig 's na Cuimrise agus na Nirribhise fad a bheatha agus cuideachd ainmean-àite nan cànan sin agus fhuair esan ollamhachd aig Oilthigh Oslo an dèidh Carl Marstrander 's bha e ann mar ollamh cha mhòr fad 30 bliadhna.[2] Bha e 'na dheasaiche os cionn na h-irise Lochlann - A Review of Celtic Studies eadar 1969 is 1974 agus bha e 'na bhall - no os cionn - ann an iomadh buidheann, leithid Det Norske Videnskaps-Akademi (o 1958) agus Norsk Forening for Språkvitenskap.[2]

Chaochail e ann an 1985 ann an Oslo.[2][3]

  1. Duilleag air luchd-cànanachais nan cànan Ceilteach aig Oilthigh Duisburg
  2. 2.0 2.1 2.2 2.3 2.4 2.5 http://snl.no/.nbl_biografi/Magne_Oftedal/utdypning Norsk biografisk leksikon
  3. Ternes, E. The Phonemic Analysis of Scottish Gaelic (1989) Buske Verlag ISBN 3-87118-161-7