Dessau-Roßlau

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Dessau-Roßlau
Wappen Dessau.png
Gearradh-arm
no Seula
Dessau marktplatz 01.jpg
Saxony-Anhalt DE.svg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Germany.svg A' Ghearmailt
Sgìre Flag of Saxony-Anhalt.svg Sagsainn-Anhalt
Co-chomharran 51° 51' 38' Tuath
12° 14' 49' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 244.74 km²
Àireamh-shluaigh 84,606 (2013)
Dlùths 345.7/km²
Àireamh fòn +49 (0)340 agus (0)34901
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

‘S e baile mòr faisg air Bernburg agus Köthen air an àirde an ear na Gearmailte a th’ ann an Dessau-Roßlau. Chaidh a chruthachadh ann an 2007 nuair a chuireadh Dessau agus Roßlau ri chèile. Tha e suidhichte aig 59m os cionn ìre na mara, aig comar nan aibhnichean Mulde agus Elbe, anns an stàit Sagsainn-Anhalt. Tha am baile 135km air falbh bho Dhresden, 181km bho Hànobhar, 56km bho Leipzig agus 111km bho Bherlin.[1] Tha 84,606 duine a' fuireach ann.[2] 'S ann à Tis (Iubhar) ann an Slàbhais agus Aue (Innis) anns Gearmailtis a tha an t-ainm.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh Dessau a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1213 mar Dissowe. Ràinig Martin Luther agus An t-Ath-Leasachadh ann an 1534, ach cha do ghabh am baile ris ach an ceann 11 bliadhna làn còmhstri agus connspaid, gus a fhuair na Pròstanaich làmh an uachdair ann an 1545.[3] B' e prìomh-bhaile na Prionnsalachd Anhalt a bh' ann bho 1570 gu ruige 1603 agus an nuair sin na stàite Diùcachd Anhalt-Dessau gu ruige 1863, nuair a chaochail an diùc mu dheireadh gun chlann.[4] Chaidh an sgoil-ailtireachd Bauhaus gluasad bho Weimar gu Dessau ann an 1925,[5] oir bha na Nàsaich an tòrr oirre. Dhùnadh i ann an 1931 agus cha do dh'fhosgail i a-rithist ach ann an 1986. Fhuair an sgoil sin dìon fo sgèith UNESCO ann an 1996.[6] 'S ann ann an Dessau far a dhèanadh an gas Zyklon B, a chaidh a chleachdadh anns na campaichean a stèidhich na Nàsaich gus na h-Iùdhaich agus eile a mharbhadh.[7] Bhathar ga dhèanamh aig an t-seann taigh-gnìomhachais siùcair Dessauer Zuckerrraffinerie GmbH, eadar 1942 agus 1945. Air 7 am Màrt 1945 rinn feachdan nan Stàitean Aonaichte lèir sgrios air a' bhaile agus an ceann sia seachdain ghèill am baile dhiubh.[8]

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Luft Linie
  2. Destatis
  3. Luther 2017
  4. Almanach de Gotha
  5. Bauhaus
  6. UNESCO
  7. Zyklon B
  8. Unversity of Exeter
  9. Kurt Weill

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]