Köthen
Köthen
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Anhalt-Bitterfeld | ||||
Sgìre | Sagsainn-Anhalt | ||||
Co-chomharran | 51° 45' 00' Tuath 11° 59' 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 78.44 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 26,889 (2013) | ||||
Dlùths | 342.8/km² | ||||
Àireamh fòn | +49 (0)3496 | ||||
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
‘S e baile meadhanach faisg air Bernburg agus Dessau-Roßlau air an àirde an ear na Gearmailte a th’ ann an Köthen (IPA: ˈkøːtən). Tha e suidhichte aig 80m os cionn ìre na mara, anns an stàit Sagsainn-Anhalt. Tha am baile 48km air falbh bho Mhagdeburg, 30km bho Halle, 54km bho Leipzig agus 130km bho Bherlin.[1] Tha 26,8890 duine a' fuireach ann.[2] Tha ceangal làidir ri leigheas-nàdara homeopathy ann.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh bad beag ann an ceann a deas a' bhaile air a bheil Cösitz a chlàradh airson a' chiad turais ann an 839 agus tha fios againn gun do rinn Otto von Ballenstadt droch mhilleadh air Köthen ann an 1115.[3] Bhuineadh e dhan teaghlach uasal Askanier. Stèidheachadh eaglais fo sgèith easbaigeachd Mhagdeburg ann an 1150 agus an ceann còig bliadhna bha Tighearna a chur air dòigh às leth na h-eaglaise, rud a chanadh Ministerialis ris. B' e ridire uasal a bh' ann a dh'fheumadh seirbheis a thoirt gu tighearna eile. Tha Sòrbais fhathast ga bruidhinn, còmhla ri Gearmailtis an seo ann an 1293. Dh' fhàs an t-àite gu bhith uabhasach beairteach agus fiù' s chuireadh taigh-cùinnidh air bhog an seo ann an 1160.B' e prìomh-bhaile na Diùcachd Anhalt-Köthen a bh' ann bho 1603 gu ruige 1847.[4] Chuir Johann Sebastian Bach sia bliadhna seachad ag obair ann an Köthen mar mhaighstir-ciùil (Gearmailtis: Kappellmeister) bho 1717 gu ruige 1723 às leth a' Phrionnsa Leopold.[5] Leanadh am prionnsa ionnsachadh Jean Calvin agus cha ghabhadh e ri ceòl san eaglais idir. Air sàilleabh sin, cha dèanadh Bach obair air cuspairean spioradail fad an àm sin. 'S ann ann an Köthen a thug ceòl dannsa buaidh air.