Bernburg
Bernburg
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Salzlandkreis | ||||
Sgìre | Sagsainn-Anhalt | ||||
Co-chomharran | 51° 47' 57' Tuath 11° 44' 33' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 113.45 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 33,879 (2013) | ||||
Dlùths | 298.62/km² | ||||
Àireamh fòn | +49 (0)3471 agus (0)6392 | ||||
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
‘S e baile meadhanach faisg air Dessau-Roßlau agus Köthen air an àirde an ear na Gearmailte a th’ ann am Bernburg. Tha e suidhichte aig 85m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Saale anns an stàit Sagsainn-Anhalt. Tha am baile 37km air falbh bho Mhagdeburg, 40km bho Halle, 68km bho Leipzig agus 139km bho Bherlin.[1] Tha 33,879 duine a' fuireach ann.[2] Tha caisteal mòr ann os cionn a' bhaile a thogadh ri linn An Ath-bheòthachaidh.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh Bernburg a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1138 mar Berneburch anns na Annalista Saxo[3] agus na Magdeburger Annalen agus bha e fo bhuaidh na h-eaglaise fad iomadh bliadhna. Nochd an eaglais ann an Waldau, a bha na bhaile air leth gu ruige 1871, ann an sgrìobhainn ann an 964.[4] Chaidh Abaid agus taigh-pearsain a thogail an seo anns an 10mh Linn, a bharrachd air eaglaisean agus abaidean eile air feadh na sgìre mu timcheall a' bhaile. Chaidh abaid eile a thogail ann an 1326 a tha na ospadal an-diugh cuideachd. Bha malairt uabhasach cudromach fad na meadhan aoisean agus le sin chaidh am baile a leasachadh gu mòr: chaidh muilnean a thogail ann an 1219 agus drochaid ann an 1239, a chaidh ùrachadh anns an 20mh Linn: Fhuair am baile a chuid chòirichean ann an 1278, a thug piseach air eaconomaidh na sgìre. Ghabh Bernburg leis an Ath-Leasachaidh ann an 1526.[5] Bha sreath de casaidean an aghaidh bana-bhuidseachan ann eadar 1555 agus 1664, nam measg Barbara Meyhe, bean a' phrobhaist, ann an 1617 - 1619.[6] B' e prìomh-bhaile na stàite Diùcachd Anhalt-Bernburg a bh' ann bho 1603 gu ruige 1863 nuair a chaochail an diùc mu dheireadh gun chlann.[7] Rinn feachdan an spùinneadair às An Danmhairg Heinrich von Holk droch mhilleadh air a' bhaile ann an 1630.[8] Chaochail iomadach duine leis a' Phlàigh fad an 17mh Linn. A thuilleadh air sin, rinn teine droch mhilleadh air an t-seann bhaile ann an 1697. Ann an 1745 chaidh a' chiad Inneal-stotha a thogail ann am Bernberg. B' e am baile fo bhuaidh nam Fraingeach eadar 1807 agus 1813, ri linn Co-chaidreachas na Rèine.[9] Thàinig an rèile ann an 1846 agus thogadh drochaid stàilinne ann an 1891. Stèidhich na Nàsaich ionad-mharbhaidh am broinne taigh-caothaich a' bhaile air an robh NS-Tötungsanstalt Bernburg agus chuireadh mu 14,000 duine a bha tinn agus ciorramaich gu bàs anns na seòmraichean-gasa eadar 1940 agus 1943.[10]
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Luft Linie
- ↑ Destatis
- ↑ Manfred Hiebl
- ↑ Landeskirche Anhalts
- ↑ Talstadtgemeinde
- ↑ Susanne Wiermann, Die Hexe von Bernburg, Schuster Verlag Baalberge, 2012, ISBN 978-3-9813121-9-5.
- ↑ Almanach de Gotha
- ↑ Karl Frederik Bricka: Dansk biografisk Lexikon, 7. Bd. Copenhagen, 1904
- ↑ Rheinbund Akzessionsvertrag
- ↑ Lernen aus der Geschichte