Lüneburg
Lüneburg
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Landkreis Lüneburg | ||||
Sgìre | Sagsainn Ìosail | ||||
Co-chomharran | 53° 15 09' Tuath 10° 24 52' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 70.34 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 75,301 (2020) | ||||
Dlùths | 1,070.53/km² | ||||
Àireamh fòn | +49 04131 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile mòr eachdraidheil faisg air Hamburg anns an Lüneburger Heide, ann an ceann a tuath na Gearmailt a th' ann an Lüneburg (ainm fada: Hansestadt Lüneburg, IPA: ˈhanzəʃtat ˈlyːnəbʊɐ̯k, Plattdeutsch: Lümborg). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Ilmenau, aig 17m os cionn ìre na mara, anns an sgìre Lüneburg fhèin, san stàit (Gearmailtis: Land) Sagsainn Ìosail. Tha 75,301 duine a' fuireach ann.[1] Tha eaconomaidh a' bhaile crochte air turasachd.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 956 mar Luniburc.[2] Anns na meadhan aoisean bha am baile an sàs ann an lìog malairt Hansa o chionn's gu robhar a' reic salann à Lüneburg air feadh na Roinn-Eòrpa. B' e prìomh-bhaile Fürstentum Lüneburg bho 1267 gu ruige 1269. Ghabh Kurfürstentum Hannover os làimh a' bhaile ann an 1708 agus ann an 1807 Rìoghachd Westphalen, ann an 1810 An Fhraing ann an 1814 Rìoghachd Hanover agus ann an 1866 A' Phruis.[3] Chuireadh gu bàs mu 300 duine-cloinne an seo aig àm na Gearmailt Nàsaich mar phàirt prògram-muirt nan Nàsach. Chaochail an Nàsach Heinrich Himmler an seo aig deireadh a' Chogaidh.[4]
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Statistisches Bundesamt
- ↑ Wilhelm Reinecke: Geschichte der Stadt Lüneburg. 2 Bände. Lüneburg 1977.
- ↑ Elmar Peter: Lüneburg – Geschichte einer 1000-jährigen Stadt 956–1956. 2. Auflage. Museumsverein für das Fürstentum Lüneburg, Lüneburg 1999, ISBN 3-922616-15-1.
- ↑ Manvell, Roger; Fraenkel, Heinrich (2007) 1965. Heinrich Himmler: The Sinister Life of the Head of the SS and Gestapo. Lunnainn; Eabhraig Nuadh: Greenhill; Skyhorse. ISBN 978-1-60239-178-9.