Coloimbia
Pàirt de | Aimearaga-Laideannach, Aimearaga a Deas, Hispanic America, Ibero-America |
---|---|
Cur air cois | 1810 |
Ainm oifigeil | República de Colombia, la République de Colombie, Republic of Colombia, Republika Kolumbii |
Ainm dùthchasach | Colombia |
Ainm goirid | 🇨🇴 |
Cinnidheachd | Mestizo Colombian, White Colombian, Afro-Coloimbianaich, indigenous peoples in Colombia, unknown value |
Ainmichte às dèidh | Cristoforo Colombo |
Cànan oifigeil | Spàinntis |
Laoidh | Laoidh Nàiseanta Choloimbia |
Culture | Colombian culture |
Mòr-roinn | Aimearaga a Deas |
Dùthaich | Coloimbia |
Prìomh-bhaile | Bogotá |
Roinn-tìde | UTC−05:00, America/Bogota |
Domhan-leud is -fhad | 4°0′0″N 73°15′0″W |
Coordinates of easternmost point | 1°13′44″N 66°51′4″W |
Coordinates of northernmost point | 13°22′48″N 81°22′12″W |
Coordinates of southernmost point | 4°13′54″S 69°56′53″W |
Coordinates of westernmost point | 12°35′0″N 81°42′0″W |
Puing as àirde | Pico Cristóbal Colón, Pico Simón Bolívar |
Lowest point | Cuan Sèimh |
Basic form of government | Poblachd |
Oifis aig ceann-stàite | Ceann-suidhe Choloimbia |
Ceannard na stàite | Gustavo Petro |
Oifis aig ceann an riaghaltais | Ceann-suidhe Choloimbia |
Ceannard an riaghaltais | Gustavo Petro |
Executive body | Government of Colombia |
Legislative body | Congress of Colombia |
Central bank | Banco de la República |
Currency | Colombian peso |
Driving side | right |
Electrical plug type | NEMA 1-15, NEMA 5-15 |
Na bh’ann roimhe | Stàitean Aonaichte Choloimbia, Mosquitia |
Duais a fhuair e | The Economist country of the year |
Làrach-lìn | https://www.gov.co/ |
Hashtag | Colombia |
Top-level Internet domain | .co |
Bratach | flag of Colombia |
Gearradh-arm | coat of arms of Colombia |
Geography of topic | geography of Colombia |
Feart | partly free country |
History of topic | history of Colombia |
Open data portal | Open Data Colombia |
Economy of topic | economy of Colombia |
Demographics of topic | demographics of Colombia |
Mobile country code | 732 |
Country calling code | +57 |
Emergency phone number | 123 |
GS1 country code | 770-771 |
Licence plate code | CO |
Maritime identification digits | 730 |
Caractar Unicode | 🇨🇴 |
Category for maps | Category:Maps of Colombia |
'S e dùthaich ann an Aimearaga a Deas a tha ann an Coloimbia [1][2], no Colombia[3], agus 's e Bogotá am prìomh-bhaile aice. Tha crìochan aice leis a' Bheiniseala agus le Braisil 'san ear, Pearù agus Eacuador gu deas, Panama gu siar agus am Muir Caraibeach gu tuath. Tha an dùthaich air ainmeachadh airson Christopher Columbus a lorg an t-Saoghal Ùr. Chaidh Coloimbia a stèidheachadh ann an 1810 an dèidh dhà briseadh air falbh bho Ìmpireachd an Spàinn agus 's e Spàinntis an cànan oifigeil aice.
Crìochan
[deasaich | deasaich an tùs]Tha crìochan aig Coloimbia le còig dùthaich: A' Bheiniseala (2,219 km), Braisil (1,645 km), Eacuador (586 km), Panama (266 km) agus Pearù (1,626 km). A bharrachd air sin, tha oirthir air Muir a' Charaibeach (1,600 km) agus air a' Chuan Sèimh (1,300 km) aig an dùthaich. Le sin, tha cuairt-thomhas dhe 9,242 km aig Coloimbia.[4]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Ro àm a' cheannsachaidh
[deasaich | deasaich an tùs]Bha mòran bhuidhne dhe tùsanaich nan tàmh air an fhearann far a bheil Coloimbia an latha an-diugh. Tha na Tùsanaich ann fhathast ann an corra sgìre, ach tha an àireamh-shluaigh aca air thuiteam gu mòr bhon àm a thàinig na Spàinntich. 'S e òr-cheàrdaichean agus tuathanaich a bh' annta. Bha treudan dhe daoine Arawak, Muisca agus Carib nan tàmh air feadh na dùthcha. Bha an dùthaich gu mòr an sàs gnothach Tràilleachd thar a' Chuain Shiar eadar an 16mh Linn agus an 19mh Linn.
Coloimbia Mhòr
[deasaich | deasaich an tùs]Nuair a bhuannaich Coloimbia a chuid neo-eisimeileachd bhon Spàinn, bha an dùthaich mòran na bu mhotha na tha i an latha an-diugh, leis gu robh a' Phoblachd ùr ga stèidheachadh air an seann roinn Nueva Granada na h-ìompaireachd Spàinnteach. Bhrist an dùthaich a-mach a chèile mus do bhàsaich Simón Bolívar fhèin is na uachdarain ann an Caracas agus ann an Quito a' cur poblachdan ùra air bhog. Chaill Coloimbia Roinn a' Chaolais (El departamento del Istmo) ris an canar Panama an latha an-diugh. 'S e Coloimbia Mhòr (La Gran Colombia) an t-ainm a th' oirre. Chuireadh às do thràilleachd an seo ann an 1851.[5]
Cogadh na Mìle Làithean
[deasaich | deasaich an tùs]Bha cogadh sìobhalta cruaidh fuilteach ann eadar 1899 agus 1903 ris an canar Cogadh na Mìle Làithean. Chaill Coloimbia Roinn A' Chaolais, Poblachd Panama an latha an-diugh, agus an Canal cudromach cuideachd. An dèidh a' chogaidh bha an dùthaich ann am fìor dhroch staing, fo cheann-suidhe Rafael Reyes, a bha mar dheachdaire. Chaill esan an dreuchd aige oir bha e airson ainm a chur gu aontaidhean le Panama agus leis na Stàitean Aonaichte.
An t-Ainneart
[deasaich | deasaich an tùs]An dèidh an ùpraid a dh'adhbharaich murt Jorge Eliecer Gaitán ann an 1948, thuit an dùthaich ann an cogadh sìobhalta neo-fhoirmeil eadar an dà phàrtaidh mòr. Bha prìs eadar-nàiseanta a' chofaidh air a thuiteam gu mòr, agus bhris sin suidheachadh poileataigeach na dùthcha. 'S e An t-Ainneart (La Violencia) an t-ainm a tha air a' chòmhstri ud. Chuir an t-arm an dùthaich fo smachd an deachdair Rojas Pinilla, is bu ghann a bha sìth agus òrdugh.
Cogadh na Guerillas
[deasaich | deasaich an tùs]Thoisich cogadh na Guerrillas an dèidh an Ainneirt, anns na sgìrean dùthchasail a bha fo bhuaidh an ainneirt, mar dhòigh iadsan a dhìon. Bha iomadh bhuidheann dhe guerrillas ann, feadhainn dhuibh a' dol fhathast. Cha robh Riaghaltas na Poblachd an làthair ann an gach uile sgìre is àite leis cho mòr 's a tha an dùthaich is le sin, fhuair na guerrillas làmh an uachdair air mòran sgìre, ach cha b' urrainn dhuibh cuidhteas fhaighinn bho Riaghaltas na dùthcha. Le sin, thar na deicheadan, bha na bailtean mòra fo smachd an Riaghaltais, leis na guerrillas air an dùthaich is iad a' sabaid an aghaidh feachdan prìobhaideach na h-uachdarain. Ann an 2016, mu dheireadh thall, chuir na FARC agus Juan Manuel Santos Calderón - ceann-suidhe na dùthcha - ainmean gu còrdadh na Sìthe agus bhuannaich Santos Calderón Duais Nobel airson Sìthe air a shon-sa.
Thoisich Diadhaireachd an t-saoraidh ann am Medellín ann an 1968, air sàilleabh gum cumadh co-labhairt na h-eaglaise an siud ann an co-theacsa ùr is bochdainn is ainneart a' sìor fhàs.
Bailtean-mòra
[deasaich | deasaich an tùs]'S e Bogotá, Cali, Medellín, Cartagena de Indias, agus Barranquilla na bailtean as motha ann an Coloimbia. Thòisich imrich mhòr a-steach dha na bailtean aig àm an Ainneirt airson obair fhaighinn agus iomadh dhuibh nam fògarraich. Tha a' mhòr-chuid a-nis nan tàmh anns na bailtean
Roinnean na Dùthcha
[deasaich | deasaich an tùs]Clioc air an roinn air a’ mhapa shìos an seo gus an t-artaigil a leughadh.
|
|
Na Meadhanan
[deasaich | deasaich an tùs]Pàipearan-naidheachd
[deasaich | deasaich an tùs]Tha iomadh phàipear-naidheachd gam foillseachadh gu làitheil agus gu seachdaineil ann an Coloimbia. 'S e gnothach roinneil neo sgìreil a th' ann a' mhòr-chuid dhuibh air sgàth gu nochdadh na pàipearan-naidheachd airson aon bhaile mòr neo aon roinn neo aon cheàrn a fhrithealadh, oir cha robh ach margaidh nàiseanta ann o shean, leis gu robh tionndadh ghnìomhachasail na dùthcha fa-leth roinneil. Leughadh luchd-malairt ann am Medellín El Colombiano, gun sgeul air El Tiempo, bho Bhogota. A bharrachd air sin, chuireadh gach uile pàipear-naidheachd làn taic seadh dhan na Libearalaich, seadh dha na Tòraidhean. Seo liosta na pàipearan-naidheachd as cudromaiche ann an Coloimbia:
- El Colombiano Medellín
- El Espectador Bogotá
- El Mundo Medellín
- El Tiempo Bogotá
- El Diario del Sur Huila
- El Diario del Magdalena Barranquilla
Rèidio
[deasaich | deasaich an tùs]Thoisich a' chiad sheirbheis rèidio ann an Coloimbia ann an 1929, ged a thòisich a' Chompanaidh Marconi an teicneolas a chur air dòigh ann an 1923. 'S e HJN an t-ainm a bha air an t-seirbheis is 's e ceann-suidhe na dùthcha Miguel Abadía Méndez a fhosgail i. Dà bhliadhna as a dhèidh thòisich HKF, a' chiad sheirbheis marsantach, ann an 1931. Bhàsaich an seinneadair Tango Argantaineach Carlos Gardel ann an tubaist plèana ann am Medellín ann an 1935 agus le sin rugadh Radio Perdiodismo (Aithrisean naidheachd ràdio). Chaidh na stèiseanan nàiseanta RCN, Caracol agus Todelar a chur air bhog ann an 1945. Tha mòran stèisein rèidio ann an latha an-diugh.[6] Seo liosta na stèiseanan rèidio as cudromaiche ann an Coloimbia:
Telebhisean
[deasaich | deasaich an tùs]Thòisich a' chiad sheirbheis thelebhisean ann an Coloimbia ann an 1954[7], fon Dheachdair Gustavo Rojas Pinilla. Fhuair esan deagh fhoghlaim mu dheidhinn cho cudromach 's a bha an telebhisean fhad 's a bha e a' fuireach anns A' Ghearmailt aig àm Adolf Hitler. 'S e teicneolas Gearmailteach agus Aimeireaganach a chleachd iad aig toiseach tòiseachaidh an t-seirbheis, is chaidh na sianalan a stèidheachadh air na stèiseanan rèidio a bh' ann mar-thà. Thòisich Teletigre, a' chiad sheirbheis prìobhaideach a chraoladh ann am Bogotá ann an 1966. Thàinig telebhisean dathach dhan dùthaich ann an 1979. Chaidh seirbheisean roinneil a chuir air dòigh rè na 1980an. Chaidh siostam dhe telebhisean didseatach a thaghadh ann an 2008. Seo liosta na sianalan telebhisean as cudromaiche:
Gallaraidh
[deasaich | deasaich an tùs]-
Bogotá
-
Beinn-Theine Nevado del Tolima
-
Abhainn Mhagdalena
-
Beinn-theine Nevado del Ruiz
-
Montería (Córdoba)
-
eaglais ann an Suratá (Santander)
-
Oilthigh ann am Medellín (19mh linn)
-
Coloimbia o shean
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Encyclopaedia Britannica Coloimbia
- Agustin Codazzi Geographic Institute - Mapa Choloimbia (Spàinntis)
- Portal del Estado - Duilleag oifigeil riaghaltas Choloimbia (Spàinntis)
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Am Faclair Beag
- ↑ Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1-871901-39-1
- ↑ Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- ↑ “Fronteras de Colombia”. Sociedad Geográfica de Colombia. Air a thogail 5mh dhen Fhaoilleach 2023.
- ↑ UNICEF
- ↑ Pareja, Reynaldo: Historia de la Radio en Colombia, 1929-1980, Servicio Colombiano de Comunicación Social, Bogotá, 1984
- ↑ Historia de la Televisión en Colombia