Jump to content

Putumayo (Roinn)

O Uicipeid
Putumayo
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Prìomh-bhaile Mocoa
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 24,885 km²
Àireamh-shluaigh 310,132 (2005)
Dlùths 12.46/km²
Àireamh fòn + (8)
Duilleag oifigeil Riaghaltas Phutumayo

'S e tè dhe na 32 roinnean (Spàinntis: departamentos) ann an Coloimbia[1] a th' ann am Putumayo. Tha Putumayo suidhichte air an iar-dheas na dùthcha, faisg air na crìochain le Ecuador agus Pearu, fad 24.885 km² eadar 01° 26' 18" y 00° 27' 37" Tuath agus 73° 50' 39" y 77° 4' 58" Iar anns an roinn nàdarra Amazon. 'S e Mocoa[2] prìomh-bhaile na roinne. Tha 310,132 a' fuireach ann, a' mhòr-chuid air an àirde an iar-thuath na roinne.

B' e sgìre gu math measgaichte a bh' ann o chionn fhada: bha na Cofán a bha a' fuireach air an àirde an iar-dheas, na Kamentxá air an àirde an iar-thuath, na Tukano ann an ceann a deas agus na Witoto san ear. Cheannsaich Huayna Cápac Tìr nan Kamentxá ann an 1492 agus stèidhich esan colonaidh Incach ann an Gleann Sibundoy. Chuir feachdan na Spàinne ruaig air na h-Incas ann an 1533 agus ghabh iad seilbh air an sgìre seo ann an 1542. B' e miseanan Caitligeach a riaghladh an sgìre bho 1547 gu ruige neo-eisimeileachd na dùthcha ann an 1810.

Bha an talamh far a bheil Putumayo na phàirt na Roinne Phopayán aig toiseach toisichidh neo-eisimeileachd na dùthcha. Bha glè bheag de dhaoine a' fuireach ann agus le sinn bha am baile Popayán an urra ri ceann a deas na dùthcha air fad a riaghladh. A bharrachd air sin, bha an dùthaich mòran na bu mhotha na tha e an latha an-diugh. Ghabhadh an roinn a-steach sgìrean a bhuineas do dh' Eacuador agus Pearu a-nis. Bha trì atharraidhean mòra ann an riaghladh na dùthcha anns an 19mh Linn. Bhathar a' deasbad an dà chuid crìochain na stàite agus siostam riaghlaidh na dùthcha, le feachdan poileataigeach a' sabaid an aghaidh a chèile an aghaigh no airson siostaim fheadarail a chur an gnìomh. Bha Putumayo na phàirt Roinn a' Chauca agus an uair sin Tìr Nàiseanta Caquetá agus Stàit Uachdaran a' Chauca. Tha i air a bhith na roinn bho 1991 a-mach.

Aig toiseach an 20mh Linn bha gnothach an rubair gu math làidir an seo. B' e talamh blàth torrach a bh' ann a bha fa leth freagarrach airson rubair a chinntinn. Dh' adhbharaich sin trioblaid shòisealta mòr agus ana-cheartas.[3] Air sgàth' s cho fad air falbh bho Bhogotá 's a bha Putumayo - agus iomadh sgìre eile iomallach - cha robh làthaireachd na stàite idir ann. Le sin, chuireadh na daoine às an fhearann aca agus chaidh tòrr dhuibh gan tràilleachadh. Ràinig mòran dhaoine gu Putumayo bho àiteachan eile eadar 1948 agus 1960 is iad a' teiche an ainneirt a bha a' deànamh cròn air an dùthaich.[4] Tha Putumayo - agus Caquetá a tha faisg air làimh - air a bhith ann an teis-mheadhain a' chòmhstri armachd a tha air an dùthaich a sgiùrsadh fad iomadh bliadhna. Dh' fhàs cùisean na bu mhiosa an seo aig deireadh an 20mh Linn.[5] Chleachdadh FARC Putumayo mar thèarmann is feachdan na stàite a' cur ruaig orra ann an àiteachan eile, gu h-àraidh nuair a bha Andrés Pastrana Arango na cheann-suidhe. Tha cinntinn dhrogaichean air a bhith nan thrioblaid cuideachd.

Freumhan an ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha a h-uile coltas ann gur ann às a' ghnìomhair p'utuy (Gàidhlig: steall) ann an Quechua a tha an t-ainm. Chan eil Pearu idir fad às agus bha buaidh nan Inca gu math làidir an seo mus an do ràinig Spàinntich ann an 1542. Thugadh ainm na h-aibhne air an roinn nuair a chaidh a chruthadh ann an 1991.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Riaghaltas a' Bhaile
  3. Banrepcultural
  4. Universidad Javeriana
  5. Ideas Paz

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Mapa oifigeil na roinne