Jump to content

Coloimbia

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Colombia)
Coloimbia
stàit neo-eisimeileach, Poblachd, secular state, dùthaich
Pàirt deAimearaga-Laideannach, Aimearaga a Deas, Hispanic America, Ibero-America Deasaich
Cur air cois1810 Deasaich
Ainm oifigeilRepública de Colombia, la République de Colombie, Republic of Colombia, Republika Kolumbii Deasaich
Ainm dùthchasachColombia Deasaich
Ainm goirid🇨🇴 Deasaich
CinnidheachdMestizo Colombian, White Colombian, Afro-Coloimbianaich, indigenous peoples in Colombia, unknown value Deasaich
Ainmichte às dèidhCristoforo Colombo Deasaich
Cànan oifigeilSpàinntis Deasaich
LaoidhLaoidh Nàiseanta Choloimbia Deasaich
CultureColombian culture Deasaich
Mòr-roinnAimearaga a Deas Deasaich
DùthaichColoimbia Deasaich
Prìomh-bhaileBogotá Deasaich
Roinn-tìdeUTC−05:00, America/Bogota Deasaich
Domhan-leud is -fhad4°0′0″N 73°15′0″W Deasaich
Coordinates of easternmost point1°13′44″N 66°51′4″W Deasaich
Coordinates of northernmost point13°22′48″N 81°22′12″W Deasaich
Coordinates of southernmost point4°13′54″S 69°56′53″W Deasaich
Coordinates of westernmost point12°35′0″N 81°42′0″W Deasaich
Puing as àirdePico Cristóbal Colón, Pico Simón Bolívar Deasaich
Lowest pointCuan Sèimh Deasaich
Basic form of governmentPoblachd Deasaich
Oifis aig ceann-stàiteCeann-suidhe Choloimbia Deasaich
Ceannard na stàiteGustavo Petro Deasaich
Oifis aig ceann an riaghaltaisCeann-suidhe Choloimbia Deasaich
Ceannard an riaghaltaisGustavo Petro Deasaich
Executive bodyGovernment of Colombia Deasaich
Legislative bodyCongress of Colombia Deasaich
Central bankBanco de la República Deasaich
CurrencyColombian peso Deasaich
Driving sideright Deasaich
Electrical plug typeNEMA 1-15, NEMA 5-15 Deasaich
Na bh’ann roimheStàitean Aonaichte Choloimbia, Mosquitia Deasaich
Duais a fhuair eThe Economist country of the year Deasaich
Làrach-lìnhttps://www.gov.co/ Deasaich
HashtagColombia Deasaich
Top-level Internet domain.co Deasaich
BratachFlag of Colombia Deasaich
Gearradh-armCoat of arms of Colombia Deasaich
Geography of topicgeography of Colombia Deasaich
Feartpartly free country Deasaich
History of topichistory of Colombia Deasaich
Open data portalOpen Data Colombia Deasaich
Economy of topiceconomy of Colombia Deasaich
Demographics of topicdemographics of Colombia Deasaich
Mobile country code732 Deasaich
Country calling code+57 Deasaich
Emergency phone number123 Deasaich
GS1 country code770-771 Deasaich
Licence plate codeCO Deasaich
Maritime identification digits730 Deasaich
Caractar Unicode🇨🇴 Deasaich
Category for maps or plansCategory:Maps of Colombia Deasaich
Map

'S e dùthaich ann an Aimearaga a Deas a tha ann an Coloimbia [1][2], no Colombia[3], agus 's e Bogotá am prìomh-bhaile aice. Tha crìochan aice leis a' Bheiniseala agus le Braisil 'san ear, Pearù agus Eacuador gu deas, Panama gu siar agus am Muir Caraibeach gu tuath. Tha an dùthaich air ainmeachadh airson Christopher Columbus a lorg an t-Saoghal Ùr. Chaidh Coloimbia a stèidheachadh ann an 1810 an dèidh dhà briseadh air falbh bho Ìmpireachd an Spàinn agus 's e Spàinntis an cànan oifigeil aice.

Tha crìochan aig Coloimbia le còig dùthaich: A' Bheiniseala (2,219 km), Braisil (1,645 km), Eacuador (586 km), Panama (266 km) agus Pearù (1,626 km). A bharrachd air sin, tha oirthir air Muir a' Charaibeach (1,600 km) agus air a' Chuan Sèimh (1,300 km) aig an dùthaich. Le sin, tha cuairt-thomhas dhe 9,242 km aig Coloimbia.[4]

Ro àm a' cheannsachaidh

[deasaich | deasaich an tùs]

Bha mòran bhuidhne dhe tùsanaich nan tàmh air an fhearann far a bheil Coloimbia an latha an-diugh. Tha na Tùsanaich ann fhathast ann an corra sgìre, ach tha an àireamh-shluaigh aca air thuiteam gu mòr bhon àm a thàinig na Spàinntich. 'S e òr-cheàrdaichean agus tuathanaich a bh' annta. Bha treudan dhe daoine Arawak, Muisca agus Carib nan tàmh air feadh na dùthcha. Bha an dùthaich gu mòr an sàs gnothach Tràilleachd thar a' Chuain Shiar eadar an 16mh Linn agus an 19mh Linn.

Coloimbia Mhòr

[deasaich | deasaich an tùs]

Nuair a bhuannaich Coloimbia a chuid neo-eisimeileachd bhon Spàinn, bha an dùthaich mòran na bu mhotha na tha i an latha an-diugh, leis gu robh a' Phoblachd ùr ga stèidheachadh air an seann roinn Nueva Granada na h-ìompaireachd Spàinnteach. Bhrist an dùthaich a-mach a chèile mus do bhàsaich Simón Bolívar fhèin is na uachdarain ann an Caracas agus ann an Quito a' cur poblachdan ùra air bhog. Chaill Coloimbia Roinn a' Chaolais (El departamento del Istmo) ris an canar Panama an latha an-diugh. 'S e Coloimbia Mhòr (La Gran Colombia) an t-ainm a th' oirre. Chuireadh às do thràilleachd an seo ann an 1851.[5]

Cogadh na Mìle Làithean

[deasaich | deasaich an tùs]

Bha cogadh sìobhalta cruaidh fuilteach ann eadar 1899 agus 1903 ris an canar Cogadh na Mìle Làithean. Chaill Coloimbia Roinn A' Chaolais, Poblachd Panama an latha an-diugh, agus an Canal cudromach cuideachd. An dèidh a' chogaidh bha an dùthaich ann am fìor dhroch staing, fo cheann-suidhe Rafael Reyes, a bha mar dheachdaire. Chaill esan an dreuchd aige oir bha e airson ainm a chur gu aontaidhean le Panama agus leis na Stàitean Aonaichte.

An t-Ainneart

[deasaich | deasaich an tùs]

An dèidh an ùpraid a dh'adhbharaich murt Jorge Eliecer Gaitán ann an 1948, thuit an dùthaich ann an cogadh sìobhalta neo-fhoirmeil eadar an dà phàrtaidh mòr. Bha prìs eadar-nàiseanta a' chofaidh air a thuiteam gu mòr, agus bhris sin suidheachadh poileataigeach na dùthcha. 'S e An t-Ainneart (La Violencia) an t-ainm a tha air a' chòmhstri ud. Chuir an t-arm an dùthaich fo smachd an deachdair Rojas Pinilla, is bu ghann a bha sìth agus òrdugh.

Cogadh na Guerillas

[deasaich | deasaich an tùs]

Thoisich cogadh na Guerrillas an dèidh an Ainneirt, anns na sgìrean dùthchasail a bha fo bhuaidh an ainneirt, mar dhòigh iadsan a dhìon. Bha iomadh bhuidheann dhe guerrillas ann, feadhainn dhuibh a' dol fhathast. Cha robh Riaghaltas na Poblachd an làthair ann an gach uile sgìre is àite leis cho mòr 's a tha an dùthaich is le sin, fhuair na guerrillas làmh an uachdair air mòran sgìre, ach cha b' urrainn dhuibh cuidhteas fhaighinn bho Riaghaltas na dùthcha. Le sin, thar na deicheadan, bha na bailtean mòra fo smachd an Riaghaltais, leis na guerrillas air an dùthaich is iad a' sabaid an aghaidh feachdan prìobhaideach na h-uachdarain. Ann an 2016, mu dheireadh thall, chuir na FARC agus Juan Manuel Santos Calderón - ceann-suidhe na dùthcha - ainmean gu còrdadh na Sìthe agus bhuannaich Santos Calderón Duais Nobel airson Sìthe air a shon-sa.

Thoisich Diadhaireachd an t-saoraidh ann am Medellín ann an 1968, air sàilleabh gum cumadh co-labhairt na h-eaglaise an siud ann an co-theacsa ùr is bochdainn is ainneart a' sìor fhàs.

Bailtean-mòra

[deasaich | deasaich an tùs]

'S e Bogotá, Cali, Medellín, Cartagena de Indias, agus Barranquilla na bailtean as motha ann an Coloimbia. Thòisich imrich mhòr a-steach dha na bailtean aig àm an Ainneirt airson obair fhaighinn agus iomadh dhuibh nam fògarraich. Tha a' mhòr-chuid a-nis nan tàmh anns na bailtean

Roinnean na Dùthcha

[deasaich | deasaich an tùs]

Clioc air an roinn air a’ mhapa shìos an seo gus an t-artaigil a leughadh.

La Guajira (Roinn)Magdalena (Roinn)Atlántico (Roinn)Cesar (Roinn)Bolívar (Roinn)Norte de Santander (Roinn)Sucre (Roinn)Córdoba (Roinn)Santander (Roinn)Antioquia (Roinn)Boyacá (Roinn)Arauca (Roinn)Chocó (Roinn)Caldas (Roinn)Cundinamarca (Roinn)Casanare (Roinn)Vichada (Roinn)Valle del Cauca (Roinn)Tolima (Roinn)Meta (Roinn)Huila (Roinn)Guainía (Roinn)Guaviare (Roinn)Cauca (Roinn)Vaupés (Roinn)Nariño (Roinn)Caquetá (Roinn)Putumayo (Roinn)Amazonas (Roinn)Risaralda (Roinn)Risaralda (Roinn)Quindío (Roinn)Quindío (Roinn)BogotáBogotáSan Andrés y Providencia (Roinn)
 Roinn Prìomh-bhaile
1 Flag of the Department of Amazonas Amazonas Leticia
2 Flag of the Department of Antioquia Antioquia Medellín
3 Flag of the Department of Arauca Arauca Arauca
4 Flag of the Department of Atlántico Atlántico Barranquilla
5 Flag of the Department of Bolívar Bolívar Cartagena de Indias
6 Flag of the Department of Boyacá Boyacá Tunja
7 Flag of the Department of Caldas Caldas Manizales
8 Flag of the Department of Caquetá Caquetá Florencia
9 Flag of the Department of Casanare Casanare   Yopal
10 Flag of the Department of Cauca Cauca Popayán
11 Flag of the Department of Cesar Cesar Valledupar
12 Flag of the Department of Chocó Chocó Quibdó
13 Flag of the Department of Córdoba Córdoba Montería
14 Flag of the Department of Cundinamarca Cundinamarca Bogotá
15 Flag of the Department of Guainía Guainía Inírida
16 Flag of the Department of Guaviare Guaviare San José del Guaviare
17 Flag of the Department of Huila Huila Neiva
 Roinn Prìomh-bhaile
18 Flag of La Guajira La Guajira Riohacha
19 Flag of the Department of Magdalena Magdalena Santa Marta
20 Flag of the Department of Meta Meta Villavicencio
21 Flag of the Department of Nariño Nariño Pasto
22 Flag of the Department of North Santander Norte de Santander Cúcuta
23 Flag of the Department of Putumayo Putumayo Mocoa
24 Flag of the Department of Quindío Quindío Armenia
25 Flag of the Department of Risaralda Risaralda Pereira
26 Flag of the Department of San Andres, Providencia and Santa Catalina San Andrés y Providencia San Andrés
27 Flag of the Department of Santander Santander Bucaramanga
28 Flag of the Department of Sucre Sucre Sincelejo
29 Flag of the Department of Tolima Tolima Ibagué
30 Flag of the Department of Valle del Cauca Valle del Cauca Cali
31 Flag of the Department of Vichada Vaupés Mitú
32 Flag of the Department of Vichada Vichada Puerto Carreño
33 Flag of Bogotá Distrito Capital Bogotá

Na Meadhanan

[deasaich | deasaich an tùs]

Pàipearan-naidheachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha iomadh phàipear-naidheachd gam foillseachadh gu làitheil agus gu seachdaineil ann an Coloimbia. 'S e gnothach roinneil neo sgìreil a th' ann a' mhòr-chuid dhuibh air sgàth gu nochdadh na pàipearan-naidheachd airson aon bhaile mòr neo aon roinn neo aon cheàrn a fhrithealadh, oir cha robh ach margaidh nàiseanta ann o shean, leis gu robh tionndadh ghnìomhachasail na dùthcha fa-leth roinneil. Leughadh luchd-malairt ann am Medellín El Colombiano, gun sgeul air El Tiempo, bho Bhogota. A bharrachd air sin, chuireadh gach uile pàipear-naidheachd làn taic seadh dhan na Libearalaich, seadh dha na Tòraidhean. Seo liosta na pàipearan-naidheachd as cudromaiche ann an Coloimbia:

El Espectador, bho Bhogotá

Thoisich a' chiad sheirbheis rèidio ann an Coloimbia ann an 1929, ged a thòisich a' Chompanaidh Marconi an teicneolas a chur air dòigh ann an 1923. 'S e HJN an t-ainm a bha air an t-seirbheis is 's e ceann-suidhe na dùthcha Miguel Abadía Méndez a fhosgail i. Dà bhliadhna as a dhèidh thòisich HKF, a' chiad sheirbheis marsantach, ann an 1931. Bhàsaich an seinneadair Tango Argantaineach Carlos Gardel ann an tubaist plèana ann am Medellín ann an 1935 agus le sin rugadh Radio Perdiodismo (Aithrisean naidheachd ràdio). Chaidh na stèiseanan nàiseanta RCN, Caracol agus Todelar a chur air bhog ann an 1945. Tha mòran stèisein rèidio ann an latha an-diugh.[6] Seo liosta na stèiseanan rèidio as cudromaiche ann an Coloimbia:

Telebhisean

[deasaich | deasaich an tùs]

Thòisich a' chiad sheirbheis thelebhisean ann an Coloimbia ann an 1954[7], fon Dheachdair Gustavo Rojas Pinilla. Fhuair esan deagh fhoghlaim mu dheidhinn cho cudromach 's a bha an telebhisean fhad 's a bha e a' fuireach anns A' Ghearmailt aig àm Adolf Hitler. 'S e teicneolas Gearmailteach agus Aimeireaganach a chleachd iad aig toiseach tòiseachaidh an t-seirbheis, is chaidh na sianalan a stèidheachadh air na stèiseanan rèidio a bh' ann mar-thà. Thòisich Teletigre, a' chiad sheirbheis prìobhaideach a chraoladh ann am Bogotá ann an 1966. Thàinig telebhisean dathach dhan dùthaich ann an 1979. Chaidh seirbheisean roinneil a chuir air dòigh rè na 1980an. Chaidh siostam dhe telebhisean didseatach a thaghadh ann an 2008. Seo liosta na sianalan telebhisean as cudromaiche:

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Am Faclair Beag
  2. Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1-871901-39-1
  3. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  4. Fronteras de Colombia”. Sociedad Geográfica de Colombia. Air a thogail 5mh dhen Fhaoilleach 2023.
  5. UNICEF
  6. Pareja, Reynaldo: Historia de la Radio en Colombia, 1929-1980, Servicio Colombiano de Comunicación Social, Bogotá, 1984
  7. Historia de la Televisión en Colombia
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: