Cinn Tàile
Co-chomharran: 57°12′21″N 5°21′08″W / 57.205833°N 5.352222°W
'S e sgìre de mhonaidhean air taobh an iar-thuath na Gàidhealtachd a th' ann an Cinn Tàile (cuideachd Cinn Tàile MhicCoinnich neo Cinn Tàile Mhic Rath)[1]. Tha e a' gabhail a-steach beanntan air taobh tuath Gleann Seile agus rathad A87 eadar Loch Dubhthaich agus Loch Cluanaidh. Chan eil na crìochan soilleir agus tha iad air atharrachadh gu tric rè nan linntean. Aig aon àm bha Cinn Tàile a' gabhail a-steach Caisteal Eilean Donain, agus an sgìre gu tuath gu ruige Loch Monar, agus cha robh sgìrean ann a tha ann an-diugh.
Cruth na Tìre
[deasaich | deasaich an tùs]'S e am monadh as ainmeile anns an sgìre Còig Peathraichean Chinn Tàile, ged nach robh an t-ainm sin anns a' Ghàidhlig bho thùs. Anns a' Ghàidhlig bhruidhnear mu gach beinn fa-leth: Sgùrr na Ciste Duibhe, Sgùrr na Càrnach, Sgùrr Fhuaran, Sgùrr nan Saighead, agus Sgùrr na Mòraich, druim fada de 8km de dh'fhaid a dh'eiricheas gu cas bho Ghleann Seile gu 1,067 m (3,501 tròigh). Tha cruth nan còig mullach ainmeil agus thig tòrr dhaoine an seo airson coiseachd bho aon cheann dhan cheann eile. Tha trì Beanntan Rothaich nam measg. Leanaidh an druim dhan ear, far a bheil trì beanntan eile, Sàileag, Sgùrr a' Bhealaich Dheirg agus Aonach Meadhoin. Aig crìochan Chinn Tàile air taobh an ear, tha A' Chiste Dhubh, agus gu tuath, air taobh eile Gleann Lic, tha Beinn Fhada.
Sealbh
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann le Urras Nàiseanta na h-Alba[2] a tha a' mhòr-chuid de oighreachd Chinn Tàile. Tha an oighreachd a' gabhail a-steach Cinn Tàile, An t-Eas Glomach agus Afraig an Iar. Chaidh an oighreachd a cheannachd leis an Urras ann an 1944.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Mar phàirt den Ar-a-mach nan Seumasach 1719 thachair Blàr Ghleann Sheile san 10mh an Ògmhios 1719.[3] Chaidh feachdan nan Seumasach a sgapadh às dèidh sabaid dian a mhair ceithir uairean a thìde, aig bonn Sgurr na Ciste Duibhe ann an Gleann Seile. Thug seo ar-a-mach 1719 nan Seumasach gu crìche.
Dualchas
[deasaich | deasaich an tùs]ʼS e Sàileach, no Tàileach a chanar ri cuideigin às an àite. A rèir seanfhacal, “Cho fadʼs a bhios monadh an Cinn Tàile, cha bhi MacCoinnich gun àl sa Chrò.”
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann à Cinn Tàile a bha Iain Mac Rath/Iain Mac Mhurchaidh, bàrd Chinn Tàile. Rugadh e ann am meadhan na h-ochdamh linn deug ann an Lianag a' Chùl Doire, far a bheil atach an taighe aige ri fhaicinn chun an latha an-diugh. Mu 1774 dh'fhàg e Cinn Tàile agus chaidh e a Charolina a Tuath anns na Stàitean Aonaichte. An sin sgrìobh e iomadh òran mu Chinn Tàile[4]. Shabaid e ann an Cogadh na Saorsa an Ameireagaidh air taobh nan Dìleasach.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Mac an Tàilleir: Ainmean-àite
- ↑ Urras Nàiseanta na h-Alba
- ↑ Coimisean Rìoghail nan Làraichean Àrsaidh is Eachdraidheil an Alba: Blàr Ghleann Sheile (Beurla)
- ↑ MacMhurchaidh air BBC Alba