Sgùrr na Ciste Duibhe
Co-chomharran: 57°10′48″N 5°20′11″W / 57.18°N 5.3363°W
Sgùrr na Ciste Duibhe | |
---|---|
Sgùrr na Ciste Duibhe (taobh chlì) le Sgùrr nan Spàinteach bho Shàileag. Sgùrr na Càrnach air an taobh dheis. | |
Àirde (m) | 1,027 |
Àirde (tr) | 3,369 |
Àirde rinneach (m) | 178 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Cinn Tàile |
Sreath bheanntan | Còig Peathraichean Chinn Tàile |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 33 Explorer 414 |
Comharradh-clèithe | NG984149 |
’S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgùrr na Ciste Duibhe. Tha e 1,027m de dh’àirde agus ’s Beinn Rothaich anns an aonach Còig Peathraichean Chinn Tàile a th' ann. Tha e suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Loch Dubhthaich air taobh tuath Gleann Seile. Tha beinn eile ann an Cinn Tàile, a' Chiste Dhubh, agus feumar a bhith faiceallach nach bithear troimh-chèile eadar an dà bheinn.
'S e a' Bheinn Rothaich as fhaide sear de Chòig Peathraichean Chinn Tàile a th' ann, ged a tha mullach eile ann, Sgùrr nan Spàinteach (990m). 'S e bruach a deas na beinne aon de na bruaichean feòir as caise agus as àirde ann an Alba, is e a' cromadh gu bhith 1,000 meatar ann an 1.5km gu Gleann Seile. tha taobh tuath na beinne a' leantainn dhan Choire Dòmhain, agus leanaidh an druim dhan iar dhan ath Bheinn Rothaich, Sgùrr na Càrnach. Leanaidh an druim dhan ear gu Bealach an Lapain agus air adhart gu Sàileag. 'S e an dòigh as cumanta a bhith a' streap na còig beanntan ann an streath bho Bhealach na Lapain gu Allt a' Chruinn.[1] Tha e cuideachd comasach a bhith a' cromadh gu Coire Dòmhain agus Gleann Lic.
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile agus Chnòideirt.