Sgùrr na Mòraich
Co-chomharran: 57°13′10″N 5°22′15″W / 57.219405°N 5.370761°W
Sgùrr na Mòraich | |
---|---|
Àirde (m) | 876 |
Àirde (tr) | 2874 |
Àirde rinneach (m) | 138 |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Cinn Tàile |
Sreath bheanntan | Còig Peathraichean Chinn Tàile |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 33 Explorer 414 |
Comharradh-clèithe | NG966193 |
’S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgùrr na Mòraich. Tha e 876m de dh’àirde agus 's e a' bheinn as fhaide dhan iar anns an aonach Còig Peathraichean Chinn Tàile. Tha e suidhichte os cionn Loch Dubhthaich agus Allt a' Chruinn. Tha e cudromach airson cruth na tìre a chruthaicheas na Còig Peathraichean.
Mar as trice 's i a' bheinn mu dheireadh a dhìricheas daoine air an t-slighe thairis air an aonach, ach gu tric fàgar às i, air sgàth 's nach e Beinn Rothaich a th' ann agus gu bheil slighe mhath sìos bhon bhealach eadar Sgùrr na Mòraich agus Sgùrr an t-Searraich air ais gu Allt a' Chruinn. Ach tha na seallaidhean air leth bhon mhullach seo, oir chithear an t-Eilean Sgitheanach cho math ri beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile agus Chnòideirt.