Jump to content

Catalòinia

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Cataloinia)
Catalòinia
Catalunya
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Barcelona
Roinnean Barcelona
Girona
Lleida
Tarragona
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 32,114 km²
Àireamh-shluaigh 7,210,508 (2008)
Dlùths 224.53/km²
LTD 255204
Stèidhichte 18 an t-Sultain 1979
Duilleag oifigeil http://web.gencat.cat/

'S e fear de na ceàrnaidhean na Spàinne a tha ann an Catalòinia [1] (Spàinntis: Cataluña; Catalanais: Catalunya; Aranese: Catalonha). Tha e suidhichte ann an ear-thuath na dùthcha. Tha crìochan aige sa tuath leis an Fhraing agus Andorra. Tha am Muir Meadhanach san àird an ear. San àird a tuath tha na Beanntan Pirineach, a' dol cho àrd ri 3000 meatair. Tha Catalòinia cho farsaing ri 32,114 cilemeatair ceàrnagach. Anns a' bhliadhna 2008 bha 7,210,508 duine de shluagh ann, le dlùths aig àireamh 222.16 duine gach km². Tha i na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh fo smachd Parlament de Catalunya.

Tha Catalanais , Spàinntis agus Aranais nan cànanan oifigeil.

Tha Barcelona na phrìomh-bhaile.

Tha ceithir sgìrean ann:

'S e roinn eachdraidheil a tha ann an Catalòinia, tha bratach Chatalòinia a’ dol air ais dhan 10mh linn. Mar sin tha togalaichean eireachdail eachdraidheil rim faicinn air feadh na dùthcha. Tha mòran bailtean ann a tha beairteach a thaobh àrsaidheachd agus dìleab dualchais, mar eisimpleir: Lleida, Tarragona, Girona agus Barcelona.

Tha trì puirt-adhair eadar-nàiseanta ann:

  • Barcelona International Airport (BCN), port-adhair eadar-nàiseanta. Tha e suidhichte ann an El Prat de Llobregat mu 10 cileameatair air falbh san àirde an ear-thuath Bharcelona
  • Girona-Costa Brava Airport airson a’ Chosta Brava
  • Reus Airport (REU), port-adhair airson a’ chosta Daurada. Tha e suidhichte mu 7.5 cileameatair air falbh bho Bhaile Tharragona.

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Ealain

Ceòl

Poileataigs

Creideamh

  1. Am Faclair Beag