Lluís Llach i Grande
‘S e seinneadair, sgrìobhadair, ceòladair agus sgrìobhadair ciùil à Catalòinia a th' ann an Lluís Llach i Grande (IPA: ʎuˈiz ˈʎak, Girona, 7 an Cèitean 1948). Bha e na bhall a’ chòmhlain-chiùil Els Setze Jutges (Sia Britheamhan Deug)[1] agus thathar dhen bheachd gur e fear-leasachaidh an Nova Cançó (Òran Ùr) a th' ann. Mar cheòladair poileataigeach, tha e air a bhith an sàs ann an saoghail a’ chiùil agus anns na h-iomairtean phoileateagach fad trì ginealach co-dhiù.
Beatha
[deasaich | deasaich an tùs]‘S e mac Josep María Llach, lighiche agus tuathanach, agus María Grande, tìdsear a th' ann. Rugadh e ann an Girona ach thogadh e ann am Verges, baile beag eadar Barcelona agus Figueres. Dh’ionnsaich e fhèin agus a Bhràthair Josep María ris a’ ghiotàr a chluiche, nuair bha an dithis aca gu math òg. Tha piàna san taigh cuideachd. Fhuair e beachdan an làimhe chlì on ghlùin.
Fhuair e droch làimhseachaidh bhon dheachdaire Franco, agus b’fheudar dha a theiche thall thairis gu Paris anns na 70an. ‘S e a' chiad seinneadair ain-opàra a ghabh òrain san Taigh-cluiche Gran Teatre del Liceu a bh’ann Llach, is e a’ seinn Somniem (Nar cadal), san Shultain 1979. Bha 103,000 duine an làthair aig consart a rinn e sa phàirc Ball-coise Nou Camp, am Barcelona, air an siathamh latha dhen Iuchar 1985,[2] an cuirm-chiùil na bu mhotha a bha a-riamh san Roinn-Eòrpa.
Chlàraich Llach 33 clàran eadar 1969 agus 2007. Chleachdadh an t-òran na b' ainmeile agus na bu chonnspaidiche a rinn e a-riamh, L'estaca (An Cabar, 1968), leis an Aonadh-ciùird Solidarność (air a stèidheachadh le Lech Wałęsa) agus an sgioba rugbaidh Unió Esportiva Arlequins de Perpinyà. A thuilleadh air sin, ‘s e òran ar-a-mach ann an Tuinisia sa bhliadhna 2011 a bh' ann cuideachd.[3]
Ann an 2011 chuir e an Stòras Lluís Llach air dòigh, thall ann an Seanagal.[4] Bha an leabhar a sgrìobh e ann an 2012 Memòria d'uns ulls pintats (Cuimhne nan sùilean dathte) uabhasach soirbheachail. A bharrachd sin, bha e an sàs ann an stèidheachadh Assemblea Nacional Catalana (Co-chruinneachadh Nàiseanta Chatalòinia).
Òrain Cudromach
[deasaich | deasaich an tùs]- L'Estaca (An Cabar, 1968). Iomairtean nan daoine an aghaidh na deachdaireachd.
- I si canto trist ('S ma sheinneas mi fo bhròn, 1974). Marbhrann do Shalvador Puig i Antich, ìobairteach na deachdaireachd.
- Viatge a Itaca (Turas gu Itaca, 1976). Bhon bhàrd Konstantinos Pétrou Kavafis.
- País Petit (Dùthaich Bheag, 1980). Gaol dùthcha.