Jaume Aymar i Ragolta

O Uicipeid
Jaume Aymar i Ragolta
Q105580579 Translate

1998 - 2005
Beatha
Breith Barcelona, 1957
Dùthaich  Na Dùthchannan Catalanach
Teaghlach
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Oilthigh Bharcelona 1993) Doctor of Sciences in History of art (en) Translate
Cànain Catalanais
Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd art historian (en) Translate, eadar-theangair, eachdraiche agus ollamh
Creideamh
Creideamh Eaglais Chaitligeach

'S e sagart, eachdraiche, eachdraiche ealaine, eadar-theangair agus ollamh a th' ann an Jaume Aymar i Ragolta (Barcelona, 28 an t-Sultain 1957. B' ann ann an 1993 a fhuair Aymar a dhotaireachd ann an eachdraidh an ealaine à Oilthigh Bharcelona.[1] Tha e na ollamh anns na Dàimhean Feallsanachd agus Saidheansan Conaltraidh aig Oilthigh Ramon Llull, far a bheil e a' teagasg eachdraidh, eachdraidh ealaine, eisteadaigeachd, ìomhaigheachd agus cùrsaichean mu na meadhanan airson luchd-teagaisg.[2] Eadar 1998 agus 2005, bha e na dheadhanach san Dàimh Fheallsanachd aig Oilthigh Ramon Llull. Bho 2008 tha Aymar air a bhith na riochdaire air Ràdio Estel (Gàidhlig: Rèidio Rionnag), a tha fo sgàil àrd-easbaigeachd Bharcelona, agus am foillseachan seachdaineil cultarail creideamhach Catalunya Cristiana (Gàidhlig: Catalòinia Chrìosdaidh).[3] Bho 1991 gu ruige 2014 bha e na reachdaire sa pharraist Sant Francesc d'Assís (Gàidhlig: Naomh Prainnseas à Assisi), agus an eaglais Santa Maria (Gàidhlig: Moire Òigh) san aon bhaile.[4] A thaobh rannsachaidh, tha Aymar air iomadh leabhar agus aiste a sgrìobhadh, a bharrachd air taisbeanaidhean - an dà chuid mhaireannach is sealach - a chur air dòigh. B' ann ann an 1994 a stèidhich esan Ràdio Estel (106.6 FM). 'S e ceann-suidhe Fundació Catalunya-Amèrica (Gàidhlig: Fonndas Catalòinia-Aimearaga) a th' ann, a bhrosnaicheas an càirdeas eadar Catalòinia agus Na h-Aimearagan, agus tha e cuideachd na bhall-stèichichidh l'Àmbit d'Investigació i Difusió Maria Corral (Gàidhlig: An Raon Rannsachaidh agus Sgaoileadh Maria Corral). Ann an 2012 bha Aymar ainmeachadh na uchd-leanabh a' bhaile Calonge, ann am Baix Empordà. Aig deireadh a' bhliadhna 2012, fhuair e cliù air sgàth 's gun do dh'fhoillsich e teòiridh iontach a chanadh cha b' ann dìreach à Catalòinia ' s a bha Cristoforo Colombo ach à Calonge.[5] Mar àrd-shagart, tha e daonnan a' searmonadh co-bhall sìtheil eadar gach uile creideamh.[6]

Obair[deasaich | deasaich an tùs]

  • Colom i Calonge, una hipòtesi (Columbus agus Calonge, beachd-bharail), Film aithriseach stèidhichte air rannsachadh Aymar, 2012[7]
  • Simbologia religiosa en l'art occidental (Samhlaidheachd Chreideamhach ann an Ealain Siar), Barcelona, Edimurtra, 2006
  • Calonge i Sant Antoni (Calonge agus an Naomh Antonaidh), Girona, Diputació de Girona/Caixa de Girona, 2005.
  • Pedagogia dels sentiments (Oide-eòlas nam Faireachdainnean), Barcelona, Edimurtra, 2005.
  • «Salvador Dalí, un místic peculiar» (Salvador Dalí, na fhàidh fa leth), ann an Analecta sacra tarraconensia: Revista de ciències historicoeclesiàstiques, 2004.
  • Aprendre a pensar (Ionnsaich ri Smaoineachadh), Barcelona, Edimurtra, 2004.
  • Gaudí i Verdaguer : concordança i context (Gaudí agus Verdaguer: co-chòrdalachd agus co-theacas), Barcelona, Oilthigh Ramon Llull, 2002.
  • «La biblioteca del Monasterio de Sant Jeroni de la Murtra» (Leabharlann Mainstir an Naoimh Jeroni de la Murtra), a: La orden de San Jerónimo y sus monasterios: actas del simposium (II), 1/5-IX-1999 / coord. por Francisco Javier Campos y Fernández de Sevilla, Vol. 2, 1999.
  • La bellesa (An Àilleachd), Barcelona, Claret, 1995.
  • El Monestir de Sant Jeroni de la Murtra (Mainstir an Naoimh Jeroni de la Murtra), Diputació de Barcelona, 1993.
  • Record i memòria de la processó del silenci de Badalona, Badalona, Publicacions de la Parròquia de Santa Maria de Badalona, 1989.
  • «L'Ermita de Sant Daniel (Calonge)», Estudis del Baix Empordà, 1984.
  • L'anticlericalisme en el Baix Empordà i altres articles històrics, Sant Cugat del Vallès-Barcelona, Edicions Catalanes, 1983.
  • Els secrets de Sa Bardissa, Recull d'articles històrics sobre temes calongins, 3a edició, corregida i augmentada, Diputació de Girona-Ajuntament de Calonge, 2005.
  • "La Creu de Montigalà i la Terra Feliç" a Montigalà. Una creu centenària (1913-2013). Editorial Edimurtra i Arxiprestat de Badalona Nord, 2013.
  • L'ànima del meu poble.Itinerari de Mn. Pere Surribas i Garrober (Figueres, 1925-Girona, 1999) Ajuntament de Calonge, 2014.
  • "El secret de la volta de la Sixtina" ann am "Pastura les meves ovelles", Miscel·lània d'homenatge al cardenal Lluís Martínez Sistach. Ateneu Universitari Sant Pacià, Barcelona, 2015.

Ceanglaichean A-muigh[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Diccionari d'historiadors de l'art català, valencià i balear
  2. Filosofia
  3. Enciclopèdia de Catalunya
  4. La Vanguardia
  5. El Punt Avui
  6. El Punt Avui
  7. GironaNotícies.comTeamplaid:Fix/category[dead link]