Jump to content

Girona (provincia)

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Roinn Girona)
Girona
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Girona
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 5,910 km²
Àireamh-shluaigh 756,810 (2014)
Dlùths 128.06/km²
Àireamh fòn + (972)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Girona (IPA: ʒiˈɾonə, Spàinntis: Gerona). Tha e na laighe ann an Catalòinia, air an àirde an ear-thuath na dùthcha. 'S e Girona a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B'e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chatalòinia i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Girona fad 5,910km²[3] agus tha 756,810 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 40mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 20mh tè a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochain aice le Barcelona, Lleida agus An Fhraing.[5] 'S e Catalanais agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha Freumh-fhaclachd an àite seo. Tha e coltach gur ann às an Abhainn Onyar (no Undarios o chionn fhada) a tha e. B’ e Kerunta a bh’ ann an t-ainm Ibearach agus chaidh sin atharrachadh gu Gerunda ann an Laideann nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach.[6] Fad nan linntean dh'atharrachadh fuaimeanachadh an ainm, a’ call an d eadar nan connragan, a’ toirt Girona dhuinn an latha an-diugh ann an Catalanais.[7] Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Cruinn-eòlas

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dà iadhtag ann, a bhuineas do Ghironaː Llívia ann an ceann a tuath na roinne anns An Fhraing agus Las Llosas, a-muigh Barcelona. Tha iad nan àiteachan fa leth air sàilleabh gu bheil sliabh ann eadorra agus an còrr dhen roinn. Chan eil ach 226 duine a' fuireach anns Las Llosas agus 1,456 ann an Llívia.[8]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. Ciutat de Girona
  7. De Kerunta a Gerunda: Els Origens de la Ciutat, Palahi L., Nolla J.M., Vivo D. , Ajuntament de Girona, 2007, ISBN 9788484960478
  8. Llívia