Lleida (provincia)

O Uicipeid
Lleida
Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Lleida
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 12,172 km²
Àireamh-shluaigh 442,308 (2014)
Dlùths 36.34/km²
Àireamh fòn + (973)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Lleida (IPA: ʎɛjðə no ʎejðɛ, Spàinntis: Lérida). Tha e na laighe ann an Cataloinia, air an àirde an ear-thuath na dùthcha. 'S e Lleida a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh ionadail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chatalòinia i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Lleida fad 12,172km²[3] agus tha 442,308 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 18mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 33mh tè a thaobh àireamh-shluaigh. Tha crìochan aice le Barcelona, Huesca, Girona, Tarragona, Zaragoza, Andorra agus an Fhraing.[5] 'S e Catalanais, Ogsatanais agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm[deasaich | deasaich an tùs]

Tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur ann às an ainm Iltiŕta ann an Ibearais a tha an t-ainm. Fad nan linntean dh'atharrachadh fuaimeanachadh an ainm mar a leanas: Ilerda ann an Laideann nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach, لاردة (Laaridah) ann an Arabais, Leyda anns na meadhan aoisean agus mu dheireadh thall Lleida tron atharrachadh fuaimneachail l → ʎ ann an Catalanais. 'S e palatalizatció (Gàidhlig palatalachadh) an t-ainm a tha air sin.[6] Mar a b' àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu mhotha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Cruinn-eòlas[deasaich | deasaich an tùs]

Tha iadhtag ann, a bhuineas do Lleida, air an àirde an iar-dheas na roinne a-muigh Barcelona. 'S e Pinós an t-ainm a tha air.[7] 'S e adhbharan laghail agus poileataigeach a tha as coireach gu bheil e na àite fa leth air. Chan eil ach 305 a' fuireach ann.

Bailtean[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. Gramàtica històrica catalana, Francesc de Borja Moll Casesnoves, Universitat de València, 2006
  7. ABC