Jump to content

Bihor (Siorrachd)

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Bihor (Roinn))
Județul Bihor
Bihar Megye
Gearradh-arm
no Seula
Dealbh
Suidheachadh
Dùthaich Romàinia
Prìomh-bhaile Oradea
Roinn Eachdraidheil Crişana
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 7,544 km²
Àireamh-shluaigh 575,398 (2011)
Dlùths 76.27/km²
LTD US$ 5.82 billean (2008)
Àireamh fòn +40 59
Clàr Àireamh-carbaid BH
Duilleag oifigeil Riaghaltas Roinneil

'S e roinn (Romàinis: Județ)[1] air an àirde an iar-thuath Romàinia a th' ann Bihor (IPA: biˈhor, Gearmailtis/Ungairis: Bihar). Tha e suidhichte eadar Arad, Alba, Cluj, Sălaj agus Satu Mare. 'S e Oradea a th' ann prìomh-bhaile na roinne.[2] Thathar dhen bheachd gur ann à vihor (iadh-lus) ann an Sèirbis neo à Biharea (theirig) ann an Dacais a tha an t-ainm Bihor.[3] 'S e Bihor an t-siamh roinn as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 11mh a thaobh àireimh-shluaigh.[4]

Nuair a ràinig sinnsearan nan Ungaireach dhan Roinn Eòrpa bha treubh ann air an robh na Kabar, a ghabh pàirt ann an cogaidhean nan Ungaireach.[5] 'S ann ann am Bihor a thuinich a' mhòr-chuid dhuibh. B' e Bihor a' chiad àite ann an Transsilvania far an deach Romàinianaich a chlàradh, ann an 1283.[6] Chaidh an roinn a stèidheachadh eadar 1020 agus 1050 ri linn Szent István király, a' chiad Rìgh na h-Ungaire.[7] Bhuineadh Bihor, mar iomadh roinn eile air an àirde iar-thuath Romàinia, dhan Ostair-Ungaire ron a' A' Chogaidh Mhòir. Chaill An Ungair Bihor ann an 1920.[8]

Cinnidheachd

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Romàinianaich – 67.38%[9]
  • Ungairianaich – 25.96%
  • Romani – 5.10%
  • Slobhaicianaich – 1.22%
  • Gearmailtich – 0.19%
  • Eile - 0.16%

Creideamhan

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean as Motha

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha ainm aig a h-uile baile ann an Ungairis agus ann an Gearmailtis aig mòran dhuibh o chionn 's gu robh coimhearsnachdan làidir ann ron a' Chogadh Mhòr agus àm Dej/Ceauşescu far an robh na cànain seo gam bruidhinn.[11]

Baile Muinntir
Oradea (Gearmailtis: Großwardein, Ungairis: Nagyvárad, Slòbhacais: Veľký Varadín) 196,367
Salonta (Gearmailtis: Großsalontha, Ungairis: Nagyszalonta) 17,735
Marghita (Gearmailtis: Margarethen, Ungairis: Margitta) 15,770
Săcueni (Gearmailtis: Zickelhid, Ungairis: Székelyhíd) 11,526
Beiuș (Ungairis: Belényes) 10,667
Aleșd (Ungairis: Élesd) 10,066
Valea lui Mihai (Ungairis: Érmihályfalva) 9,902
Sânmartin (Ungairis: Váradszentmárton) 9,572
Tinca (Ungairis: Tenke) 7,793
Popești (Ungairis: Papfalva) 7,362
(Bho: 20mh an Dàmhair 2011)[12]

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Nutritionist Cluj
  2. Welcome to Romania
  3. Adevǎrul
  4. Criticatac
  5. Peter F. Sugar, Péter Hanák, Tibor Frank, A History of Hungary, IUP, Indiana, 1994, duilleagan. 11-143.
  6. György Fejér, Codex diplomaticus Hungariae ecclesiasticus ac civilis, Volume 7, typis typogr. Regiae Vniversitatis Vngaricae, 1831
  7. Kordé, Zoltán (1994). "Bihar". Kristó, Gyula; Engel, Pál; Makk, Ferenc. Korai magyar történeti lexikon (9–14. század), Akadémiai Kiadó, duilleag 103. ISBN 963-05-6722-9.
  8. Hungarian History
  9. Centru de Resurse pentru Diversitate Etnoculturalǎ
  10. Népszamlalas[dead link]
  11. OSZK
  12. City Population

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: