Arad (Roinn)

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Județul Arad
Arad Megye
Actual Arad county CoA.png
Gearradh-arm
no Seula
[[Faidhle: |300x300px]]
Dealbh
Arad in Romania.svg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Romania.svg Romàinia
Prìomh-bhaile ROU AR Arad CoA.svg Arad
Roinn Eachdraidheil Crişana/Banat
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 7,754 km²
Àireamh-shluaigh 409,072 (2011)
Dlùths 52.76/km²
LTD US$ 5.24 billean (2008)
Àireamh fòn +40 57
Clàr Àireamh-carbaid AR
Duilleag oifigeil Riaghaltas Roinneil

'S e roinn (Romàinis: Județ)[1] air an àirde an iar Romàinia a th' ann an Arad (IPA: aˈrad). Tha e suidhichte eadar Hunedoara, Bihor, Alba agus Timiş. 'S e Arad fhèin a th' ann prìomh-bhaile na roinne.[2] 'S e Arad an còigeamh roinn as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 21mh a thaobh àireimh-shluaigh.[3]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh am baile air a bheil Arad a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1080.[4] Chaidh an roinn a stèidheachadh ri linn Szent István király, a' chiad Rìgh na h-Ungaire.[5] Bhuineadh Arad, mar iomadh roinn eile air an àirde iar-thuath Romàinia, dhan Ostair-Ungaire ron a' A' Chogaidh Mhòir. Chaill An Ungair Arad ann an 1920.[6]

Cinnidheachd[deasaich | deasaich an tùs]

  • Romàinianaich – 82.16%[7]
  • Ungairianaich – 10.67%
  • Romani – 3.82%
  • Slobhaicianaich – 1.23%
  • Gearmailtich – 1.05%
  • Eile - 1.00%

Creideamhan[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean as Motha[deasaich | deasaich an tùs]

Tha ainm aig a h-uile baile ann an Ungairis agus ann an Gearmailtis aig mòran dhuibh o chionns gu robh coimhearsnachdan làidir ann ron a' Chogadh Mhòr agus àm Dej/Ceauşescu far an robh na cànain seo gam bruidhinn.[9]

Baile Muinntir
Arad (Gearmailtis: Arad, Ungairis: Arad) 159,074
Pecica (Gearmailtis: Petschka, Ungairis: Pécska) 12,762
Sântana (Gearmailtis: Sanktanna, Ungairis: Újszentanna) 11,428
Vladimirescu (Gearmailtis: Glogowatz, Ungairis: Glogovác) 10,710
Lipova (Gearmailtis: Lippa, Ungairis: Lippa) 10,313
Ineu (Ungairis: Borosjenő) 9,260
Șiria (Gearmailtis: Hellburg, Ungairis: Világos) 8,103
Chișineu-Criș (Ungairis: Kisjenő ) 7,987
Curtici (Gearmailtis: Kurtitsch, ung. Kürtös) 7,453
Nădlac (Gearmailtis: Nadlak, Ungairis: Nagylak) 7,398
(Bho: 20mh an Dàmhair 2011)[10]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Nutritionist Cluj
  2. Welcome to Romania
  3. Criticatac
  4. Adevǎrul
  5. Benkő, Elek (1994). "Arad 2.", Kristó, Gyula; Engel, Pál; Makk, Ferenc. Korai magyar történeti lexikon (9–14. század), Akadémiai Kiadó. duilleagan. 53–54. ISBN 963-05-6722-9.
  6. Hungarian History
  7. Centru de Resurse pentru Diversitate Etnoculturalǎ
  8. Népszamlalas
  9. OSZK
  10. City Population

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: