Maramureş (Siorrachd)
Județul MaramureșMáramaros Megye/Мараморо́щина
| |||
| Dealbh | |||
| Suidheachadh | |||
| Dùthaich | |||
| Prìomh-bhaile | |||
| Roinn Eachdraidheil | Maramureş | ||
| Feartan fiosaigeach | |||
| Farsaingeachd | 6,304 km² | ||
| Àireamh-shluaigh | 516,562 (2011) | ||
| Dlùths | 81.94/km² | ||
| Àireamh fòn | +40 262/362 | ||
| Clàr Àireamh-carbaid | MM | ||
| Duilleag oifigeil | Riaghaltas Roinneil | ||
'S e roinn (Romàinis: Județ)[1] ann an ceann a tuath Romàinia a th' ann am Maramureș (IPA: maraˈmureʃ, Gearmailtis: Marmarosch, Ungairis Máramaros, Ucràinis: Мараморо́щина). Tha e suidhichte eadar Sălaj, Suceava, Bistrița-Năsăud, agus Satu Mare. 'S e Baia Mare a th' ann prìomh-bhaile na roinne.[2] 'S e Maramureş an 15mh roinn as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 17mh a thaobh àireimh-shluaigh.[3]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar dhen bheachd gur dòcha gur ann à ainmean dà abhainn, an Mara agus am Mureș, a th' ann ainm na roinne[4] Chaidh an roinn a stèidheachadh ann an 1876 ri linn atharraidhean rianachail anns an Ungair. Bhuineadh Maramureș, mar iomadh roinn eile air an àirde iar-thuath Romàinia, dhan Ostair-Ungaire ron a' A' Chogaidh Mhòir, ged nach robh ach mion-chuid Ungaireach ann.[5] Chaill An Ungair Maramureș ann an 1920.[6]
Cinnidheachd
[deasaich | deasaich an tùs]- Romàinianaich – 82.02%[7]
- Ungairianaich – 9.07%
- Romani – 1.74%
- Ùcrainianich – 6.67%
- Eile - 0.50%
Creideamhan
[deasaich | deasaich an tùs]- Ortodogsaich Romàinianach – 77.96%[8]
- Pròsdanachas – 4.07%;
- Caitligich – 11.46% (5.94% - 5.52%)
- Caingisich – 3.70%;
- Eile – 2.81%;
Bailtean as Motha
[deasaich | deasaich an tùs]Tha ainm aig a h-uile baile ann an Ungairis agus ann an Gearmailtis (agus Ucràinis) aig mòran dhuibh o chionn 's gu robh coimhearsnachdan làidir ann ron a' Chogadh Mhòr agus àm Dej/Ceaușescu far an robh na cànain seo gam bruidhinn.[9]
| Baile | Muinntir |
|---|---|
| Baia Mare (Gearmailtis: Neustadt neo Frauenbach, Ungairis Nagybánya) | 123,738 |
| Sighetu Marmației (Gearmailtis: Marmaroschsiget, Ungairis: Máramarossziget) | 37,640 |
| Borșa (Gearmailtis: Borscha, Ungairis: Borsa) | 27,611 |
| Baia Sprie (Gearmailtis: Mittelstadt, Ungairis: Felsőbánya) | 15,476 |
| Vișeu de Sus (Gearmailtis: Oberwischau, Ungairis: Felsővisó) | 15,037 |
| Târgu Lăpuș (Gearmailtis: Laposch, Ungairis: Magyarlápos) | 11,744 |
| Poienile de sub Munte (Gearmailtis: Reußenau, Ungairis: Ruszpolyána, Ucràinis: Русь Поляни) | 10,073 |
| Moisei (Gearmailtis: Mosesdorf, Ungairis: Majszin) | 9,264 |
| Seini (Gearmailtis: Leuchtenburg, Ungairis: Szinérváralja) | 8,987 |
| Șomcuta Mare (Gearmailtis: Großhorn, Ungairis: Nagysomkút) | 7,565 |
| (Bho: 20mh an Dàmhair 2011)[10] | |
Bailtean Eile
[deasaich | deasaich an tùs]Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- László Németh (1901 - 1975)
- Elie Wiesel (1928 - 2016)
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean A-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Alba • Arad • Argeş • Bacău • Bihor • Bistrița-Năsăud • Botoşani • Braşov • Brăila • Bucureşti • Buzău • Caraş-Severin • Călăraşi • Cluj • Constanța • Covasna • Dâmbovița • Dolj • Galați • Giurgiu • Gorj • Harghita • Hunedoara • Ialomița • Iaşi • Ilfov • Maramureş • Mehedinți • Mureş • Neamț • Olt • Prahova • Satu Mare • Sălaj • Sibiu • Suceava • Teleorman • Timiş • Tulcea • Vaslui • Vâlcea • Vrancea

