Sighetu Marmației

O Uicipeid
Sighetu Marmației
Máramarossziget
Marmaroschsiget
סיגעט
Marmarošská Sihoť
ROU MM Sighetu Marmatiei CoA.png
Gearradh-arm
no Seula
Zentrum Sighet 3.jpg
Sighetu Marmatiei jud Maramures.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Romania.svg Romàinia
Ceàrn Actual Maramureș county CoA.png Maramureş
Co-chomharran 47° 55 51' Tuath
23° 53 41' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 135.36 km²
Àireamh-shluaigh 37,640 (2011)
Dlùths 278.07/km²
Àireamh fòn +40 02 62
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile meadhannach eadar Ivano-Frankivsk agus Baia Mare, ann an ceann a tuath Romàinia a th' ann an Sighetu Marmației (IPA: ˈsiɡetu marˈmat͡si.ej, seann ainm: Sighet, Ungairis: Máramarossziget, Gearmailtis: Marmaroschsiget, Iùdais: סיגעט, Slòbhacais: Marmarošská Sihoť). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Tisa, aig 274m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Maramureş. Tha 37,640 duine a' fuireach ann.[1]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann às an fhacal sziget (Gàidhlig: eilean) ann an Ungairis, air neo zeget (Gàidhlig: cathair) ann an Daci, no fiù's sihot (Gàidhlig: margaidh) ann an Slàbhais 's a th' ann ainm a' bhaile. Chaidh Sighetu Marmației a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1326. Buinneadh e dhan Phrionnsalachd Transsilvania bho 1554 gu ruige 1660.[2] Bhuinneadh am baile dhan Ostair-Ungaire gu ruige 1920 nuair a ghabh Romàinia os làimh e. Bha coimhearsnachd Iùdhach a' bhaile uabhasach fhèin làidir ron Dàrna Chogadh: bha 11,026 Iùdhaich nan tàmh sa bhaile ann an 1920. Chruthaich A' Ghearmailt Nàsach Ghetto Iùdhach ann an Sighetu Marmației mar phàirt an Uile-losgaidh. Rinn na Nàsaich murt air a' mhòr-chuid dhuibh anns na campaichean-losgaidh.[3] Chan eil ach 11 Iùdhaich air fhàgail ann an Sighetu Marmației an latha an-diugh.

Daoine ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Institutul Național de Statistică
  2. Gerald Volkmer, Das Fürstentum Siebenbürgen (1541-1691). Außenpolitik und völkerrechtliche Stellung, Arbeitskreis für Siebenbürgische Landeskunde Heidelberg, 2002.
  3. Yad Vashem
  4. Randolph L. Braham, The Politics of Genocide: The Holocaust in Hungary. Wayne State University Press, 2000, ISBN 0814326919