Éva Heyman

O Uicipeid
Éva Heyman
Beatha
Breith Oradea, 13 dhen Ghearran 1931
Dùthaich  Romàinia
Bàs Campa-dùmhlachaidh Auschwitz, 17 dhen Dàmhair 1944
Foghlam
Cànain Romàinis
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair
Obraichean comharraichte The diary of Eva Heyman (en) Translate
IMDb no value

B' e nighean-sgoile agus sgrìobhadair às An Ungair/Romàinia a bh' ann an Éva Heyman (Nagyvárad, 13 an Gearran 1931 - Auschwitz-Birkenau, 17 an Dàmhair 1944. Thogadh i ann an Bihor ann an teaghlach Bùirdeasach Ungaireach Iùdhach: bha a h-athair na ailtire agus bha a màthair na cungadair. Bha coimhearsnachd Iùdhach uabhsach fhèin làidir ann an Nagyvárad aig an àm. Dhealaich a pàrantan nuair a bha i òg agus phòs a màthair aig an neach-aithris Sòisealach Béla Zsolt. Thòisich i ri leabhar-latha - dìreach mar a rinn Anne Frank thall sna Tìrean Ìsle aig an aon àm - a sgrìobhadh nuair a thug na Nàsaich ionnsaidh air an Ungair.[1] Rinn na Nàsaich murt oirre ann an KZ Auschwitz-Birkenau air 17 an Dàmhair 1944. B' e Josef Mengele fhèin a thagh Éva airson a' bhàis. Chaochail mu 25,000 Iùdhaich à Nagyvárad san Uile-losgadh.[2] Chuir a màthair Agnes an leabhar sin sa chlò an dèidh a' Chogaidh.[3]

Obair[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Yad Vashem
  2. Randolph L. Braham, The Politics of Genocide: The Holocaust in Hungary. Wayne State University Press, 2000, ISBN 0814326919
  3. Magyar Narancs