Asaint

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Cataibh, tha Asaint san iar
Caisteal Ardvreck

'S e sgìre ann an ceann an iar-thuath na h-Alba a tha ann an Asaint no Asainn. Tha i na pàirt den t-siorrachd tradaiseanta Cataibh. Tha Asaint suidhichte tuath air Ulapul. Thàinig an t-ainm bhon t-seann Lochlannais agus tha e a' ciallachadh 'deireadh na droma'.[1] 'S e Loch an Inbhir am baile as motha ann an Asaint.

Susbaint

[deasaich] Cruth na tìre

Tha Asaint ainmeil airson na feartan-tìre aige. Tha Uamh An Claonaite, an uamh as fhaide ann an Alba mu còig mìltean deas air Inchnadamph.[2] Tha tèarmannan-nàdair ann mar an Inverpolly Nature Reserve agus Knockan Crag National Nature Reserve le ionad-fiosrachaidh mu eòlas-talmhainn den Moine Thrust. Tha na beanntan ann an Asaint, m.e. Quinag, Canisp, Suilven, Cùl Mòr, Stac Pollaidh is Ben More Assynt a' tarraing mòran luchd-turais.

[deasaich] North Lochinver Estate

'S e oighreachd ann an iar Asaint a tha ann an North Lochinver Estate. Bho thùs bha i na pàirt den oighreachd aig Edmund Vestey ach ann an 1989 reic an neach-seilbhe cuid den talamh anns an iar-thuath air sgàth’ s gun robh an teaghlach Vestey ag iarraidh roinn eile a cheannachd a bha na bu freagarraiche do stalcaireachd fèidh. B' e sin as adhbhar gun do chuir Vestey ainm ùr North Lochinver Estate air a' phàirt seo a chaidh a cheannach an uair sin leis an Scandinavian Property Services Limited.

Ach trì bliadhna an dèidh sin bhris an companaidh sìos. Bhris an reiceadair an oighreachd ann an seachd pìosan beaga airson reic a-rithist.

Aig an àm seo bha 21.132 acair fhearainn aig an North Lochinver Estate, ach dìreach 50 acair nach bha air an chleachdadh airson croitearachd. Bha 13 bailtean croitearachd ann: Torbreck, Achadh Mhealbhaich, Clach Toll, An Clais Mòr, Baile a' Chladaich, Ardnacarin, An Cùl-cinn, Raffin, An Stòr, Clais an Easaidh, Cùl-Cinn an Droma Bhig, An Druim Beag agus An Nead. Chaidh iad uile a stèidheachadh aig Àm nam Fuadaichean. Bha timcheall air 400 duine a' fuireach an seo, le dìreach ¼ dhiubh nach robh a' dèanamh a' bheòshlainte à croitearachd. Bha briseadh na oighreachd a' chur dragh air na croitearan air sgàth 's gum bhiodh cuid de na crìochan ùra a’ ruith tro na coitcheannan agus dh’fheumadh iad dèiligeadh le na bu mhotha na aon uachdaran-fearainn.

San 6 an t-Ògmhios1992 bha coinneamh aig na ball den Scottish Crofters Union à Asaint agus thàinig iad chun a' cho-dhùnaidh gum feuchaidh iad an oighreachd a cheannach leotha fhèin. Chuir iad an Assynt Crofters' Trust, mar company limited by guarantee, air bonn. B' iad na h-amasan den urras: an oighreachd a cheannach agus a stiùireadh leotha fhèin, an eaconomaidh a leasachadh le pròiseactan mar togail taighean, craobhan fhàs agus àitichean-obrach ùra a chruthachadh. Le sin cha bhiodh adhbhar ann gum biodh na daoine òga an sgìre a' fàgail.

Bhathar a' faighneachd gach croitear anns an sgìre airson £1,000 a chur ris, ach chleachd an t-urras na meadhanan cuideachd airson togail-airgid. Bha sin gu math soirbheachail, thog iad nas motha na £130,000 bho dhaoine priobhailteach às a' Bhreatainn agus à dùthchannan thall thairis.

An toiseach tairg an t-urras £235,000 an uair sin £245,000, ach bha an companaidh ag iarraidh barrachd na sin. Mar sin chuir na croitearan romhpa gum biodh iad a' ceannachd nan croitean aca a rèir na right-to-buy provisions stèidhichte anns an lagh croitearachd. Nan dèanadh iad sin, chan fhiach an talamh mòran do neach-ceannach sam bith.

Mu deireadh thall san 4 an Dùbhlachd 1992 thairg an t-urras £300,000 agus an dèidh ceithir làithean fhuair iad an oighreachd. Bhon 1 an Gearran 1993 a-mach tha an Assynt Crofters' Trust na sealbhadair den oighreachd seo. Dh'atharraich iad an t-ainm chun an ainm ùr: "North Assynt Estate".

[deasaich] Leabhraichean

  • MacAskill, John (1999) We have won the land: the story of the purchase by the Assynt Crofters' Trust of the North Lochinver Estate. Stornoway:Acair. ISBN 0861522214

[deasaich] Iomraidhean

  1. Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-Àite", duilleag 9, Pàrlamaid na h-Alba
  2. "Peter Glanvill Photography: Claonaite" darkanddeep.co.uk. a' tarraing 31mh dhen Iuchar 2011 .

[deasaich] Ceanglaichean a-mach

Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
Innealan pearsanta
Namespaces

Tionndaidhean
Gnìomhan
Seòladh
Clò-bhuail/às-phortaich
Bogsa-innealan
Ann an cànain eile