Brùra
'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann am Brùra (Beurla: Brora). Tha am baile suidhichte anns an t-siorrachd traidiseanta Cataibh air a' mhòr-rathaid A9. 'S e seo na co-chomharran aige: 58° 0′ 36″ Tuath agus 3° 51′ 0″ Iar.
Anns a' bhliadhna 2001 bha 1,140 duine a' fuireach an seo. [1]
Tha gnìomhachas beag aige, mar eisimpleir: Iasgach, buinig chlach agus a’ togail bàtaichean. Bha taigh-staile uisge-beatha ann eadar 1819 is 1983. [2] An-diugh cleachdar togalaichean an taigh-staile mar ionad-fiosrachaidh airson an Clynelish Distillery a tha faisg air. Tha stèisean ann cuideachd, an Stèisean Bhrùra.
Thàinig ainm a' bhaile às an t-Seann-Lochlannais agus tha e a' ciallachadh "Abhainn na Drochaid" (Bridge river). A-rèir Iain Mhic an Tàilleir chleachdadh an t-ainm dìreach air an abhainn a-mhàin, b' e Inbhir Bhrùra an t-ainm a bha air a' bhaile. [3]
Rinn Nancy Dorian, cànanaiche às na Stàitean Aonaichte rannsachadh mu ìre na Gàidhlig aig na daoine na bha a' fuireach an seo.[4]
Iomraidhean[deasaich]
- ↑ Scotland's Census Result OnLine
- ↑ The Wisky Guide
- ↑ Iain Mac an Tailleir, "Ainmean-Àite", duilleag 23, Pàrlamaid na h-Alba
- ↑ Nancy Dorian: East Sutherland Gaelic: The Dialect of the Brora, Golspie, and Embo Fishing Communities, 1978, Dublin Institute for Advanced Studies
Ceanglaichean a-mach[deasaich]
- Làrach-lìn Bhrùra
- Brora page at Treasures of Britain
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NC9069703776