An Cùl-cinn

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Sealladh air a' Chùl-cinn
Am bàigh aig a' Chùl-cinn

Tha an Cùl-cinn (Beurla: Culkein)[1] na bhaile croitearachd ann an Asaint, Cataibh. Tha am baile suidhichte air cladach san taobh tuath den leth-eilean far a bheil Bodach Stòrr. Tha a' charraig mu leth-mhìle air falbh bhon Chùl-cinn san àirde an iar-thuath. 'S e seo na co-chomharran aige: 58° 14′ 15.97″ Tuath agus 5° 20′ 36.67″ Iar.

Bho na 1830 a-mach bha poll-iasgaich ann far an do ghlacadh bradan le lìontan. Chaidh a dhùnadh ann an 1995. Tha cidhe beag ann fhathast a chaidh thogail mu cheud bliadhna sa chaidh. Ged a bha e ro beag do bhàtaichean-iasgaich mhòra thèid a chleachdadh le sgothan-seòlaidh an-diugh.

Chaidh an Cùl-cinn a stèidheachadh aig Àm nam Fuadaichean. [2] An-diugh 's e aon de na bailtean dhen Oighreachd Asaint a Tuath a th' ann.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-Àite", duilleag 35, Pàrlamaid na h-Alba (a' tarraing air 10mh an Lùnasdal 2011)
  2. MacAskill, John (1999) We have won the land: the story of the purchase by the Assynt Crofters' Trust of the North Lochinver Estate, td 35 Stornoway:Acair. ISBN 0861522214

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: