Clais an Easaidh

O Uicipeid
Clais an Easaidh

Clais an Easaidh
Suidheachadh
Clais an Easaidh is located in Alba
Clais an Easaidh
Clais an Easaidh (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Cataibh
Parraist Asaint
Co-chomharran 58° 13′ 20.7″ T
5° 18′ 51.6″ I
Comharradh-clèithe NC054307
Feartan fiosaigeach
Còd-puist IV27
Sealladh air Linne Chlais an Easaidh

'S e baile croitearachd ann an Asaint, Cataibh a tha ann an Clais an Easaidh (Beurla: Clashnessie).[1] Tha am baile suidhichte faisg air tràigh ghainmheil Linne Chlais an Easaidh air an rathad B869 mu seachd mìle tuath air Loch an Inbhir.

Thàinig ainm a' bhaile bhon eas a tha suidhichte aig ceann a' ghlinne far a bheil a' chuid as motha de na taighean.

Chaidh Clais an Easaidh a stèidheachadh aig Àm nam Fuadaichean. Thuirt Uilleam MacCoinnich à Clais an Easaidh don Coimisean Napier:

Over fifty townships in this parish were made desolate, and the tenants were sent hither and thither [...] and when they found a resting place at all in there native land, it was on the poorest scraps, rocks and bogs,[...] subdiving their lots, and intensifiying their poverty. (a rèir MacAskill[2])

Timcheall air a' bhaile chithear mòran tobhtaichean a dh’fhàg na croitearan a bha air fuadach chun na h-oirthir às an dèidh. Bha taigh-òsta, bùth is oifis a' phuist ann, agus tha tobhta a' mhuilinn ri fhaicinn fhathast air bruach na h-aibhne. Lorgar mainearach taigh nam bochd faisg air an rathad.

Ged a bha dìreach dusan daoine a’ fuireach an seo anns na 1960an, tha 19 taighean ann an-diugh, tha deich dhiubh nan taighean dubha. 'S e aon de na bailtean dhen Oighreachd Asaint a Tuath a th' ann an Clais an Easaidh.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-Àite", duilleag 30, Pàrlamaid na h-Alba
  2. MacAskill, John (1999) We have won the land: the story of the purchase by the Assynt Crofters' Trust of the North Lochinver Estate, td 37 Stornoway:Acair. ISBN 0861522214

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: