An Nead

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
An Nead agus Loch Nedd

Tha An Nead (Beurla: Nedd)[1] na bhaile croitearachd ann an Asaint, Cataibh. Tha e suidhichte air an rathad B869 mu mhìle air falbh bhon Druim Bheag air bruach an iar Loch Nedd. 'S e seo na co-chomharran aige: 58° 14′ 10.97″ Tuath agus 5° 10′ 31.48″ Iar.

Chaidh an Nead a stèidheachadh aig Àm nam Fuadaichean. [2] Dh'fhàs am baile rud beag na bu mhotha anns na 1900an air sgàth 's gu robh e a' toirt fasgaidh do na bàtaichean-iasgaich air Loch Nedd. An-diugh tha cidhe ann aig ceann an ear a' bhaile airson eathraichean is bàtaichean-iasgaich. 'S e aon de na bailtean dhen Oighreachd Asaint a Tuath a th' anns an Nead.

Murt anns an Nead[deasaich | edit source]

B’ e reiceadair à Sasainn a bha ann am Murdoch Grant a bha a‘ siubhail bho thaigh gu taigh. Bha e ag iarraidh a dhol gu bannais ann an Asaint, ach chaidh e a chaill eadar an Nead is An Druim Beag. Lorgadh a chuirp ceithir seachdainean an dèidh sin, ach cha robhar soirbheachail am murtair a lorg. Ged a bha cuid amharas ann gun robh an neach-teagaisg Hugh MacLeòid an sàs anns a' mhuirt, cha robh an ceasnachadh a rinn an t-siorram soirbheachail. Ach an uair sin tuirt Kenneth Fraser, tàillear às an àite, gum faca e taigh MhicLeòid ann an aisling. Chuala e guth cuideachd a bha ag innse dhà ann an Gàidhlig far an robh am bathar a bha air a ghoid falaichte. Ged a bha an aisling gu math amharasach, lorgadh bathar Grant anns an dearbh àite agus an dèidh sin dh’aidich MacLeòid gun do mharbh e an reiceadair.[3]

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-Àite", duilleag 91, Pàrlamaid na h-Alba (a' tarraing air 6mh an Lùnasdal 2011)
  2. MacAskill, John (1999) We have won the land: the story of the purchase by the Assynt Crofters' Trust of the North Lochinver Estate, td 35 Stornoway:Acair. ISBN 0861522214
  3. Chambers' Book of Days - March 19th

Ceanglaichean a-mach[deasaich | edit source]

Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: