Beinn Mhòr Asaint

O Uicipeid
Beinn Mhòr Asaint

Beinn Mhòr Asaint bho druim a deas
Àirde (m) 998
Àirde (tr) 3,274
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Beinn Mhòr Asaint is located in Alba
Beinn Mhòr Asaint
Beinn Mhòr Asaint (Alba)
Suidheachadh Asaint
Mapa cumadh-tìre Landranger 15
Comharradh-clèithe NC31822016

'S e beinn ann an Asaint a tha ann am Beinn Mhòr Asaint (Beurla: Ben More Assynt)[1][2]. Tha i 998m de dh'àirde, agus 's e Beinn Rothaich a th' ann. Tha i suidhichte mu 8km an iar 's an iar-dheas de dh'Innis nan Damh agus Loch Asainte.

Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bho Innis nan Damh air an rathad A837. Dh'fhaodadh a cheangal le Cona Mheall a tha air an t-slighe gu Beinn Mhòr Asaint. Mar as trice bithear a' gabhail an aon slighe sìos.[3]

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Asaint, Cataibh, Sula Bheinn agus Loch Sìn.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Stòr-dàta SMO
  2. Ainmean-Àite na h-Alba
  3. Beinn Mhòr Asaint air Walkhighlands