Innis nan Damh

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Innis nan Damh
Inchnadamph.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Cataibh
Sgìre Asaint
Co-chomharran 58° 9′ 0″ Tuath
4° 58′ 48″ Iar
Comharradh-clèithe NC 246 217
Feartan fiosaigeach

'S e baile ann an Asaint a tha ann an Innis nan Damh. Tha e suidhichte air an rathad A837 eadar Ulapul agus Loch an Inbhir aig ceann Loch Asaint.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Uamhan nan Cnàmhan

Faisg air Innis nan Damh tha Uamhan nan Cnàmhan ann (Bone Caves sa Bheurla). Chaidh cnàmhan mathain, sionnaich, madaidhean-allaidh is fiadh-Lochlannach a lorg. Lorgadh cnàmhan mathan-bàn cuideachd, na h-aon cnàmhan mathain-bhàn a chaidh a lorg ann an Alba gu ruige seo.[1] Thathar den bheachd gu bheil iad mu 11.000 bliadhna a dh'aois no fiù 's nas sine na sin. Bho 2008 a-mach tha iad aig taigh Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba airson barrachd rannsachaidh. Lorgadh cnàmhan daonna cuideachd a tha cho sean ri trì mìle bliadhna RC.

Tha tobhtaichean Caisteal na Aird Bhrice suidhichte faisg air a' bhaile air bruach Loch Asaint. Chaidh an caisteal a mhilleadh le stoirm làidir ann an 1795.

Tha seann eaglais na paraiste Asaint an seo, a chaidh a thogail ann an 1743. Ach ann an 1814 bha an togalach ann an droch staing, gun suidheachanan ach le uisge a bha a‘ tighinn tron mhullach. Bha seilbheadair oighreachd Chataibh ag iarraidh eaglais ùr a thogail ann an Loch an Inbhir, agus mar sin dhiùlt e a càradh airson greis. Mu dheireadh thall rinn iad obair bhunaiteach, ach gun a bhith a' leigeil a-mach air an eaglais airson a bhith mòr gu leòr do dh'àireamh-shluaigh na h- Asainte. Chaidh an eaglais ath-nuadhachadh gu tur ann an 1900 leis an ailtire William Joass à Inbhir Pheofharain. Bhon uair sin bha an eaglais na pàirt cudromach ann am beatha na coimhearsnach, gus an deach i a dhùnadh anns na 1970an. Dh’fhosgail i a-rithist ann 2003 an dèidh ath-nuadhachaidh mar togalach airson na coimhearsnachd. Tha cruinneachadh den eachdraidh ionadail is tasglann sloinntearachd ann an-diugh.[2] Faisg air an eaglais lorgadh pìosan de sheann chrois Cheilteach bhon àm eadar an 8mh is 11ad linn.

Bha taigh-seinne ann bho 1736 a-mach, a chaidh ath-thogail timcheall air 1774, agus 's e sin an Inchnadamph Hotel an-diugh. A-measg dhaoine ainmeil eile bha Ben Peach agus John Horne a' fuireach an seo, nuair a rinn iad an obair cliùiteach air geòlas na Gàidhealtachd. [3]

Bliadhna Àireamh-sluaigh
1774 79
1811 169
1841 26
1861 19
1881 32

Anns a' chlàr chithear crìonadh àireamh-shluaigh. Gu h-àraidh eadar 1812-1819, aig Àm nam Fuadaichean b' fheudar do 143 duine am baile fhàgail. [4] Bha aimhreitean ann ann an 1883 an aghaidh ministeir ùir à Srath Nabhair, air sgàth 's gun robh muinntir a' bhaile den bheachd gum biodh am ministear a' cur taic do phoileasaidh nam fuadaichean. Ach chaidh a' chuid a bu mhotha de na daoine ath-thuineachadh air a' chosta, gu ìre mhòr far a bheil Oighreachd Asaint a Tuath an-diugh. [5]

Cruinn-eòlas[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an sgìre ainmeil air sgàth 's gu bheil am Moine Thrust suidhichte faisg air a' bhaile. Mar sin bha agus tha an sgìre timcheall air Innis nan Damh ainmeil a-measg nan clach-eòlaichean. Bha an obair aig John Horne agus Ben Peach a' rèiteachadh an deasbaid fhada mu na cumaidhean geòlasach air a' Ghàidhealtachd. Chaidh clach-chuimhneachain a thogail ann an Innis nan Damh air a bheil na faclan: "To Ben N Peach and John Horne who played the foremost part in unravelling the geological structure of the North West Highlands 1883-1897. An international tribute. Erected 1980."

Ann an 2009 chaidh Innis nan Damh a' sguabadh bhon liosta mar Tèarmann Nàdair Nàiseanta. Bha George Vestey, neach-seilbhe Innis nan Damh den bheachd nach robh dleastanasan a thaobh glèidhteachas nàdair a' dol leis na h-amasan aige, mar eisimpleir: fèidhgu leòr a chumail airson sealg.[6]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. McKenzie, Steven (2007) New tests on rare polar bear find" (Beurla)
  2. Discover Assynt: Inchnadamph Old Parish Church (Beurla)
  3. Gazetteer for Scotland (Beurla)
  4. domesday (Beurla) aig bbc.co.uk history
  5. MacPhail, I. (2002) Land, Crofting and The Assynt Crofters Trust: A Post-Colonial Geography? Tràchdas PhD, td:54 (Beurla)
  6. Inchnadamph delisted as a National Nature Reserve ann an Wildlife Extra (Beurla)

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]